Colaiste Shealtainn UHI

Agus i air a suidheachadh anns na h-Eileanan as fhaide tuath ann am Breatann, is e àite togarrach a th’ann an Colaiste Shealtainn UHI, an dà chuid a bhith ag ionnsachadh agus a’ fuireach ann, le goireasan foghlaim air leth agus beatha shòisealta agus cultarach bheothail.

Tha sinn a’ speisealachadh ann an àireamh de chùrsaichean a’ gabhail a-steach

Obair Aodaich an Latha an-Diugh, Rannsachadh Arcaibh is Shealtainn agus Eachdraidh agus Arc-eòlas na h-Alba.

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Colaiste Shealtainn UHI

Dè tha na h-oileanaich, luchd-ceumnachaidh agus luchd-obrach a gràdh

Nuair a rinn mi an cùrsa NC Ealain is Dealbhaidh an seo ann an Colaiste Shealtainn UHI, fhuair mi cothrom eòlas a chur air prògram iomlaid ERASMUS agus chuir mi seachad mìos ann an Nirribhidh ag obair do ghnothachas a bha a’ sònrachadh ann an dèanamh culaidh nàiseanta Nirribhidh, am Bunad. B’ fhìor thoigh leam e – dh’ionnsaich mi a leithid agus b’ ann an uair sin a thuig mi gum b’ e obair-aodaich an seòrsa ceum a bha mi airson a leantainn.

Tha mi airson mo ghnothachas aodach-fighte fhèin a thòiseachadh. Bhiodh e dùbhlanach gun teagamh sam bith, ach le taic bho Aonad Furastachaidh Obair-aodaich Colaiste Shealtainn – a bhios a’ toradh aodach fighte don dà chuid oileanaich is gnothachas – dh’fhaodadh e a bhith comasach.

Rhea Kaye, oileanach BA (Urram) ann an Obair-aodaich Co-aimsireil

B’ e faighinn a’ chothruim air pàipearan a thaisbeanadh aig co-labhairtean anns an Ionad airson Sgrùdaidhean Lochlannach an nì a b’ fheàrr dhòmhsa, an dà chuid ann an Sealtainn agus Arcaibh. B’ e eòlas mìorbhaileach a bha seo agus cothrom sàr-mhath air lìonraidheadh le acadaimigich eadar-nàiseanta a bha àrd-chliùiteach nan dreuchd. Rinn am modh-obrach deimhinneach a thaobh ionnsachadh a bha na h-òraidichean a’ tagradh, an cùrsa fìor thlachdmhor dhomh.

Than a sgilean a leasaich mi tron chùrsa air comasachadh dhomh leantainn air adhart leis an rannsachadh agam fhìn agus àireamh de dh’artaigilean fhoillseachadh agus o chionn ghoirid leabhar eachdraidh air brìghean cultarach.

Brydon Leslie, ceumnaiche MLitt ann an Eòlas Arcaibh is Shealtainn

Bheachdaich mi air Dùn Dè, Galashiels agus Arcaibh, ach bha mi a’ faireachdainn gun robh na goireasan agus an curraicealam air leth san oilthigh, gam thàladh a dh’ionnsaigh a’ chùrsa obair-aodaich co-aimsireil an seo.

Nicole Nic an Tàilleir, oileanach BA (Urram) ann an Obair-aodaich Co-aimsireil

  • Rhea Kaye
  • Brydon Leslie
  • Nicole Taylor | Nicole Nic an Tàilleir

Cùm sùil a-mach airson thachartasan samhraidh air feadh Sealtainn…

no tadhail air àrainn eile