Comann Saidheans Mara na h-Alba UHI

Tha SAMS UHI air thoiseach am measg ionadan rannsachaidh mara neo-eisimeileach na RA; agus e air a shuidheachadh ann am bàgh Dhùn Staidhinis air oirthir an iar na h-Alba, sgìre a tha cudromach airson dàibheadh agus seòladh agus faisg air beantann Ghlinn Chomhainn.

Ionad sàr-eòlais ann an saidheans àrainneachd na mara a tha aithnichte aig an ìre eadar-nàiseanta

Tha SAMS UHI a’ lìbhrigeadh rannsachadh a tha air thoiseach ann an saidheans shiostaman na mara. Am measg nan cuspairean rannsachaidh làithreach tha: atharrachadh sa ghnàth-shìde, lùth mara ath-nuadhachail agus an Artaig.

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Comann Saidheans Mara na h-Alba UHI

Dè tha na h-oileanaich, luchd-ceumnachaidh agus luchd-obrach a gràdh

Tha e na fhìor urram dhomh duais Oileanach na Bliadhna 2016 agus Duais Tràchdas Fo-cheumnaiche Trì-phàirteach a bhith air am buileachadh orm, agus bu mhath leam taing a thoirt don luchd-obrach agus mo cho-oileanaich uile aig Comann Saidheans Maraireachd na h-Alba UHI airson an cuideachaidh ’s an taic gun choimeas tron bhliadhna dheireannaich agam. Tha mi a-nis a’ sgrùdadh MSc ann an atharrachadh gnàth-shìde ann an Oilthigh Copenhagen san Danmhairg, ach bidh SAMS UHI an-còmhnaidh na oilthigh dachaigheil dhomh nam cheann agus nam chridhe.

Somhairle MacIlleDhuibh, ceumnaiche BSc (Urram) ann an Saidheans Maraireachd

Bha cliù a’ chùrsa BSc (Urram) ann an Saidheans Maraireachd aig Comann Saidheans Maraireachd na h-Alba UHI, cho àrd agus gun do roghnaich mi m’ ionnsachadh a dhèanamh an sin. Rè do sgrùdaidhean, tha thu air do theagasg le luchd-saidheans le spèis nan àrainneachd fhèin; thathar a’ tabhann eòlas practaigeach dhut sa ghnìomhachas; agus stuth cùrsa ga theagasg dhut a tha buntainneach agus ùr-nòsail.

Sarahjane Pugh, oileanach BSc (Urram) ann an Saidheans Maraireachd a rinn imrich à Birmingham don Òban gus ionnsachadh aig SAMS UHI

Fhuair mi a-mach mun chùrsa seo tro charaid a bha air clàradh mar-thà. Bha i a’ fuireach san Artaig rè na 3mh bliadhna de a sgrùdaidhean agus chaidh mi a thadhal oirre.  Chòrd an turas rium cho mòr agus choinnich mi ris an uimhir de dhaoine uasal a bha an dà chuid ag ionnsachadh leis an oilthigh agus bho air feadh an t-saoghail, gun do bhrosnaich e mi a dhol air adhart le tuilleadh sgrùdaidhean.

Is fìor thoigh leam na cothroman sam faod oileanaich a bhith an sàs; tha a leithid de phròiseactan a’ dol air adhart agus dìreach le faighneachd agus ùidh làidir a shealltainn ann an raon sgrùdaidh, is urrainn dhut a dhol an sàs ann gu dìoghrasach. Tha tìde an-còmhnaidh aig òraidichean agus luchd-taic ma tha thu a’ nochdadh deònach agus tha sin na bhrosnachadh mòr. Gu ruige seo am-bliadhna, tha mi air a bhith a-muigh air grunn thursan bàta, air glaidhdearan fo-uisge a chur air bhog, tha mi an sàs ann an obair ghnìomhach san obairlann geo-ceimigeachd agus bidh mi a’ falbh air turas-mara 3-seachdainean gu Innis Tìle tron t-samhradh! Chan eil sin dona!

Seumas Coogan, oileanach BSc (Urram) ann an Saidheans Maraireachd le Eòlas Artaigeach

  • Samuel Black | Somhairle MacIlleDhuibh
  • Sarah Jane Pugh
  • James Coogan | Seumas Coogan