Ionad Mara NAFC UHI
Tha Ionad Mara NAFC UHI ri taobh na mara ann am baile eachdraidheil Sgalabhagh, ceanna-bhaile àrsaidh Shealtainn. Tha ceanglaichean cultarach làidir aig na h-eileanan ri Lochlann agus is e àite bòidheach, beothail a th’ann, an dà chuid a bhith ag ionnsachadh agus a’ fuireach ann.
Bidh Ionad Mara NAFC UHI a’ tabhann trèanadh a rèir iarrtasan sònraichte;
rannsachadh, leasachadh agus cuartachadh eòlais; co-chomhairleachadh le eòlaichean agus ghoireasan ùr-nodha. Am measg an luchd-dèiligidh againn tha na roinnean maraireachd, iasgaich, innleadaireachd, tuathanachais-uisge agus saidheans agus gnìomhachasan eile a tha a’ tighinn am bàrr a dh’fhaodadh cur ri leasachadh seasmhach.
Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Ionad Mara NAFC UHI
Dè tha na h-oileanaich, luchd-ceumnachaidh agus luchd-obrach a gràdh
Tha mi gu làithreach a’ seòladh mar Dhàrna Oifigear air Soithichean Dìon Iasgaich na h-Alba. Nam dhreuchd, bidh mi a’ ceartachadh chairtean is fhoillseachain, a’ cumail suas an uidheamachd rèidio agus a’ gabhail pàirt ann an dleastanasan iasgaich mar a bhios riatanach. Bidh mi a’ cuideachadh àrd-oifigearan ann an dòigh sam bith air a bheil feum aca.
Calum Mac a’ Phì, ceumnaiche HNC ann an Saidheans Maraireachd
Bha mi airson m’ ionnsachadh a dhèanamh faisg air mo dhachaigh ann an Sealtainn agus bha feum agam air a’ chùrsa seo gus teisteanas innleadaireachd Cabhlach nam Marsantan fhaotainn. Bha taic bho na h-òraidichean math agus tha eòlas mòr aca air an raon sa bheil iad a’ teagasg.
Bryden Jacobson, Caideat Oifigeir Innleadaireachd Cabhlach nam Marsantan