Sabhal Mòr Ostaig UHI

Tha campas ùr-nòsach seo, Sabhal Mòr Ostaig, stèidhichte ann an àite àlainn taobh a deas leth-eilean Slèite san Eilean Sgitheanach, a tabhann cùrsaichean ceum agus clasaichean cànan an Alba a tha a mhàin air an teagasg tro meadhan na Gàidhlig. Tha cholaiste a suidhe ann a cridhe coimhearsnachd far a bheil iomadh duine a bruidhinn sa Ghàidhlig na dòigh beatha gach latha.

Tha sinn a’ speisealachadh ann an àireamh de chuspairean a’ gabhail a-steach

Cànan is Cultar na Gàidhlig, Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta agus Gàidhlig agus na Meadhanan. Is e na cùrsaichean ceuma againne na h-aon chùrsaichean ceuma ann an Alba a bhios gan teagasg gu tur tro mheadhan na Gàidhlig.

Faigh a-mach de na cùrsaichean a tha rim faotainn aig Sabhal Mòr Ostaig UHI

Dè tha na h-oileanaich, luchd-ceumnachaidh agus luchd-obrach a gràdh

Mar a b’ fhaide a bha mi aig Sabhal Mòr Ostaig UHI agus mar a bu mhotha a dh’ionnsaich mi, b’ ann a bu mhotha bha am meas a bha agam air a’ Ghàidhlig. Mura b’ e gun deach mi don oilthigh is e as coltaiche nach bithinn a’ bruidhinn na cànain tuillidh. Tha mi ag obair mar Oifigear Leasachadh na Gàidhlig do Young Scot agus tha e na phàirt mhòr den dreuchd a th’ agam an-dràsta a bhith a’ cruthachadh susbaint agus is cinnteach gu robh an eileamaid den cheum agam a bhuineadh ris na meadhanan na chuideachdh mòr dhomh an cosnadh seo fhaotainn. Tha mi an dòchas ri bhith ag obair le daoine òga feuch am bi a’ Ghàidhlig nas fhaicsinniche gus an ionnaich iad a’ chànain agus gus an cuir iad ùidh innte.

Ruairidh Hamilton / BA (Urr) Gàidhlig agus na Meadhanan

Chan eil cùrsaichean eile ann a tha a' tabhann Gàidhlig agus Cèol Traidiseanta còmhla mar a tha an cùrsa seo agus tha mi a' creidsinn  cum bi e gu mòr a chum mo leas san rèis-obrach agam gu bheil mi a-nis air chomas Gàidhlig a bhruidhinn.  Is e a' chomhairle a bheirinn-sa: na bi a dèanamh rud sam bith dìreach a thaobh 's gu bheil thu a' faireachdainn gun fheudar dhut no a thaobh 's gu bheil cuideigin a' toirt ort a dhèanamh; smaoinich air feuch an e an t-slighe cheart a tha ann dhut, agus an còrd do chuid ionnsachaidh leat sa chuspair sin.

Lauren Byrne, oileanach, BA (Urram) Gàidhlig agus Cèol Traidiseanta

Thagh mi a bhith ag ionnsachadh an seo leis gu robh mi a’ smaointeachadh gu robh an cùrsa a’ tairgsinn cothrom ionnsachaidh nach robh a leithid ann agus gun leigeadh e leam an inbhe a b’ fheàrr agus an ìre a b’ àirde de dh’fhileantachd a ruigsinn. Bha mi gu mòr a’ gabhail pàirt ann an Comann nan Oileanach, mar oifigear spòrs ag adhartachadh an dà chuid slàinte cuirp agus inntinn oileanaich. Sa bhliadhna acadaimigich seo is mise an t-Oifigear Thachartasan, is mi a’ ruith nan Cèilidhean is nan tachartasan air fad a tha a’ dol feadh na bliadhna.

Keira Brennan / BA (Urr) Gàidhlig agus Foghlam

  • Ruairidh Hamilton
  • Lauren Byrne
  • Innes Mcqueen | Innes MacCuinn