Home Criomagan - cumhaichean agus cùmhnantan

Criomagan - cumhaichean agus cùmhnantan

Bidh uhi.ac.uk a’ cleachdadh chriomagan. Bidh sinn a’ cleachdadh Google Analytics a chiallachas gum faigh thu criomag nuair a thadhlas tu air an làraich-lìn againn, ris an canar ‘criomag dèanadais’. Bidh sinn cuideachd a’ toirt comas do luchd-cleachdaidh gluasad eadar cànanan. Mar sin, bidh sinn a’ stèidheachadh ‘criomag riatanach’ le do roghainn. Le bhith a’ cleachdadh na làraich-lìn againn, tha thu ag aontachadh gum faod sinn criomagan den t-seòrsa seo a chur air an inneal agad.

Dè th’ ann an criomag?

Is e a th’ ann an criomagan faidhlichean teacsa anns a bheil meud beag de dh’fhiosrachadh a thèid a luchdachadh a-nuas don inneal agad nuair a thadhlas tu air làrach-lìn. Bidh criomagan an uair sin air an cur air ais don làraich-lìn thùsail gach turas a thilleas tu dhi, no do làrach-lìn eile a tha ag aithneachadh na criomaig. Tha criomagan feumail leis gum bi iad a’ leigeil le làrach-lìn inneal neach-cleachdaidh aithneachadh. Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mu chriomagan aig www.allaboutcookies.org agus www.youronlinechoices.eu . Airson bhideo mu chriomagan tadhail air www.google.co.uk/goodtoknow/data-on-the-web/cookies.

Bidh criomagan a’ dèanamh tòrr diofar rudan, leithid a bhith a’ leigeil leat gluasad eadar duilleagan gu h-èifeachdach, a’ cuimhneachadh do roghainnean, agus a’ toirt feabhas air na dh’fhiosraicheas an neach-cleachdaidh san fharsaingeachd. Faodaidh iad cuideachd dèanamh cinnteach gu bheil na sanasan a chì thu air-loidhne freagarrach dhut fhèin agus d’ùidhean.

Chaidh na criomagan air an làraich-lìn seo a sheòrsachadh a rèir nan seòrsaichean a gheibhear ann an Iùl Chriomagan ICC na RA.

Dè th’ ann an criomag dèanadais?

Bidh na criomagan seo a’ cruinneachadh fiosrachadh mun dòigh a bhios luchd-tadhail a’ cleachdadh na làraich-lìn, mar eisimpleir dè na duilleagan as trice air am bi iad a’ tadhal, agus am bi iad a’ faighinn teachdaireachdan mearachd bho dhuilleagan lìn. Cha bhi na criomagan seo a’ cruinneachadh fiosrachadh a leigeas leinn neach-tadhail a dhearbh-aithneachadh. Bidh na h-uile den fhiosrachadh a chruinnicheas na criomagan seo air a chur còmhla agus mar sin tha e gun ainm.

Cha bhithear ga chleachdadh ach a bhith a’ toirt piseach air an dòigh a bhios làrach-lìn ag obair.

Dè th’ ann an criomag riatanach?

Tha na criomagan seo riatanach a chum ’s gun urrainn dhut a bhith a’ gluasad mun cuairt na làraich-lìn agus a’ dèanamh feum de na goireasan a th’ oirre, leithid faighinn a-steach gu roinnean tèarainte na làraich-lìn. As aonais seo, chan urrainnear seirbheisean a dh’iarr thu, leithid bhasgaidean ceannaich no chunntasan-d a sholar.

Dè a nì mi mur a bheil mi airson gabhail ri criomagan?

Tha suidheachaidhean anns a’ bhrobhsair-lìn agad a leigeas leat smachd a chumail air mar a bhios tu a’ brobhsadh làraichean-lìn. Tha seo a’ gabhail a-steach suidheachaidhean gus rian a chumail air na criomagan agad. Thoir sùil air fiosrachadh cuideachaidh do bhrobhsair no tadhail air na ceanglaichean gu h-ìosal airson barrachd fiosrachaidh:

Ciamar a dh’aithnicheas mi criomagan a thàinig bhon làraich-lìn agaibhse?

Is e az-course,  __utma, __utmb, __utmc, __utmv, __utmz agus I18N_LANGUAGE ainmean-faidhle nan criomagan againn; chithear gur ann à www.uhi.ac.uk no uhi.ac.uk a thàinig iad.

Notaichean

Tha am fiosrachadh seo stèidhte air Iùl Chriomagan ICC na RA, Giblean 2012.