Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach (SNO)

susbaint

Bidh an suirbhidh nàiseanta seo a’ faighneachd de dh’oileanaich fho-cheuma nam bliadhna mu dheireadh mu na dh’fhiosraich iad air an cùrsa. Is ann tron Ghearran am Màrt is an Giblean a bhios e a’ dol a h-uile bliadhna fo stiùir Ipsos Mori, buidheann rannsachaidh margaidh neo-eisimeileach. Cha chuirear ainm dhaoine ris na freagairtean a bheir iad air an t-suirbhidh.

Cò tha ion-roghnach airson SNO? susbaint Vector image with bilingual text in Gaelic and English

Cò tha ion-roghnach airson SNO?

Fosglaidh Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach 2021 do dh’oileanaich Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean eadar 08 Gearran agus 30 Giblean 2021.

Is e suirbhidh cuimsichte a tha seo de dh’oileanaich sa bhliadhna mu dheireadh aca de cheum fo-cheum trì no ceithir bliadhna, no am bliadhna mu dheireadh HND.

Is e oileanaich chuimsichte a-mhàin a gheibh fios le cuireadh a bhith a’ gabhail pàirt san t-suirbhidh. Gheibh oileanaich ion-roghnach fios o Ipsos Mori tro phost-d agus brosnaichear iad a bhith a’ gabhail pàirt le an ceannard-prògraim agus am PAT.

Dè na ceistean a chuirear? susbaint A cluster of question marks

Dè na ceistean a chuirear?

Tha 27 de cheistean ioma-roghainn san t-suirbhidh agus iad air an roinn nan earrainnean a ghabhas a-steach: teagasg air a’ chùrsa agam, measadh agus fios air ais, rian is riaghladh, cothroman ionnsachaidh, coimhearsnachd ionnsachaidh agus guth nan oileanach. Tha ceistean ioma-roghainn a bharrachd ann a ghabhas freagairt ma thograr, agus tha cuireadh dhaibhsan a tha a’ gabhail pàirt beachdan fhàgail air eileamaidean a bha sònraichte math no dona anns na dh’fhiosraich iad mar oileanaich.

Dè mar a gheibh mi mo eàrlas Amazon? susbaint The Amazon logo

Dè mar a gheibh mi mo eàrlas Amazon?

Tha an t-oilthigh a’ tairgsinn eàrlas Amazon £10 mar bhuidheachas dhaibhsan a choileanas Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach air loidhne. Nuair a choileanas iad an suirbhidh, gheibh oileanaich post-d a dhearbhas gun do chuir iad an suirbhidh a-steach. Is còir dhaibh am post-d dearbhaidh seo a chur a dh’ionnsaigh sgioba SNO an oilthigh aig nssuhi@uhi.ac.uk. Thèid eàrlasan Amazon a chur tro phost-d an sin chun a’ cheart chunntais ro cheann 10 làithean obrach.

What happens to the results? susbaint Man looking at graphs on his computer whilst sitting as his desk

What happens to the results?

Gheibh an t-oilthigh seata iomlan de dhàta suirbhidh SNO, is a h-uile fiosrachadh dearbh-aithneachaidh air a thoirt às, san Iuchar/Lùnastal. Nithear mion-sgrùdadh air an dàta agus thèid a chur a dh’ionnsaigh diofar chomataidhean a dh’uisnicheas e a phlanadh airson na bliadhna acadaimigich ri tighinn. Cùrsaichean a choileanas nas ìsle na a’ chuibheasachd airson 'riarachadh san fharsaingeachd’, thèid iarraidh orra planaichean-gnìomha a sgrìobhadh a dh’innseas mar a thèid iad an grèim ri draghan nan oileanach san ath bhliadhna acadaimigich. Chì sibh geàrr-chunntas air toraidhean an oilthigh an seo SNO 2019.