Comhairleachadh air-loidhne
Is e meanglan fàsmhor de shlànachadh-inntinn a th’ ann an comhairleachadh air-loidhne, is bheir e cothrom dhut taic chomhairleachaidh fhaotainn aig àm agus ann an àite a bhios freagarrach dhut fhèin. Is ann air an eadar-lìon a bhios e a’ tachairt, is gabhaidh e dèanamh tro phuist-d (gun a bhith mar aon) no tro theachdaireachdan sa bhad (mar aon) le Skype. Tha e tèarainte, dìomhair, is bidh e a’ tachairt ann an àrainneachd a bhios sàbhailte, cùramach, anns nach toirear breith no diùlt.
Am measg nan cùisean a ghabhas cuideachadh tro chomhairleachadh air-loidhne tha na leanas:
- Duine a bhith ag iarraidh atharrachadh
- Droch dhìol: aigneach, corporra, no gnèitheasach – an-dràsta no san àm a dh’fhalbh
- Imcheist
- Bròn is call
- Burraidheachd
- Dubh-aigne
- Faireachdainnean trioblaideach mar a tha fearg, farmad, eudach is nàire
- Dàimhean
- Fèin-mheas agus/no misneach
- Gnè is gnèitheachd
- Ro-uallach
- Cùisean eile a bhuineas ris an obair ionnsachaidh no a’ bheatha phearsanta agad
Tha e feumail……
- mas toigh leat do smuaintean a chur an cèill ann an sgrìobhadh tro theacsa is coimpiutair
- mas fheàrr leat ùine a ghabhail gus am beachdaich thu air na tha thu ag iarraidh ràdh agus gus an leugh thu a-rithist an conaltradh a bh’ ann
- mura tèid agad air dol chun neach-slànachaidh-inntinn airson sheiseanan aghaidh ri aghaidh
- ma tha thu ag iarraidh an ùine a dh’fheumas duine feitheamh ann an iomadach àite a ghiorrachadh
Tha seirbheis chomhairleachaidh ri faotainn don a h-uile oileanach a tha clàraichte aig com-pàirtichean acadaimigeach air feadh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Gheibh thu cothrom air an t-seirbheis seo le bhith a’ cur an fhiosrachaidh agad a-steach, leis an t-seirbheis-chonaltraidh thèarainte is dhìomhair againn, gu h-ìosal. An dèidh dhut am fiosrachadh conaltraidh agad a chur a-steach, cuiridh neach-comhairleachaidh le teisteanas freagairt thugad taobh a-staigh dà latha-obrach.
Fhuair an luchd-comhairleachaidh againn trèanadh sònraichte a bharrachd ann an comhairleachadh air-loidhne is bidh iad ag obair a rèir bheusan comhairleachaidh proifeiseanta. Tha an t-seirbheis ri faotainn sa Bheurla no sa Ghàidhlig.