Comhairle Maoineachaidh Oileanaich

Ciamar as urrainn dhomh tagradh airson maoinean cruadail fo ùghdarras rè suidheachadh a’ choròna-bhìorais (COVID-19)? susbaint

Ciamar as urrainn dhomh tagradh airson maoinean cruadail fo ùghdarras rè suidheachadh a’ choròna-bhìorais (COVID-19)?

Ciamar as urrainn dhomh tagradh airson maoinean cruadail fo ùghdarras rè suidheachadh a’ choròna-bhìorais (COVID-19)?

Tha an stiùireadh do na h-oileanaich a tha clàraichte gu làithreach, a’ gabhail a-steach foghlam adhartach, foghlam àrd-ìre agus ceumnaichean iar-cheum uile.  

Bidh do thagradh airson maoinean cruadail fo ùghdarras an eisimeil na h-àrainn tron chlàr thu. Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuir fios gu an neach-fios a tha an urra ri Maoineachadh Oileanaich ionadail, mar a chithear gu h-ìosal: 

Bu chòir do dh’oileanaich nach eil clàraichte tro na h-aitreabhan hu h-àrd, fios a chur gu prìomh sgioba taic oileanaich an oilthighe.

Thoiribh an aire gum bi na tagraidhean uile don mhaoin air am measadh a rèir gach cùis fa leth agus thèid an t-airgead a bhuileachadh fo ùghdarras, stèidhichte air faotainneachd agus feum air na maoinean.

Mura h-eil thu airidh air Maoineachadh Roghainneil, is dòcha gum faigh thu taic bho Mhaoin Sgrùdaidh Èiginn ùr an oilthigh. Mura h-eil thu cinnteach am biodh tu airidh air maoin sgrùdadh èiginn, cuir fios chun sgioba maoineachaidh ionadail agad a bheir comhairle dhut tuilleadh.

Dè an seòrsa taic oileanaich a tha ri fhaotainn dhut fhèin agus dod theaghlach?

Tha bursaraidhean foghlaim adhartach, cuibhreann bith-beò foghlaim, bursaraidhean Buidheann Buileachaidh Oileanaich na h-Alba agus iasadan oileanaich gam pàigheadh mar as àbhaist.

Tha maoineachadh cuibhrichte a bharrachd gu bhith ri fhaotainn rè cruadal a’ ghalair COVID-19. Seo liosta de bhuidhnean feumail a dh’fhaodadh taic maoineachaidh a riarachadh aig an àm seo.

Rè Covid-19, thathar a’ sùileachadh gum faod oileanaich na ceumannan a leanas a ghabhail, ma ghabhas sin a dhèanamh, agus am maoineachadh bhon riaghaltas a tha ri fhaotainn a shireadh mus dèan iad tagradh airson maoinean cruadail fo ùghdarras, a dh’ fhaodadh a bhith rim faotainn sna raointean a leanas:

Biadh, teas agus solas

Thathar a’ sùileachadh cuideachd gun treòraich sibh na maoinean uile a tha rim faotainn nach eil air an cleachdadh airson màl/morgaids agus cosgaisean siubhail neo-riatanach, gu prìomhachadh air biadh, teas agus solas.

Beachdaichidh sinn air cuideachadh le cosgaisean bìdh, teas agus solais, tro thagradh chun na maoin cruadail fo ùghdarras do thagraichean creideis neo-choitcheann (làithreach agus ùr). 

Màl/morgaids/tallachan còmhnaidh

Ann an co-rèir ri stiùireadh nàiseanta, tha sinn an dùil gun dèan oileanaich rèiteach dìreach leis na h-uachdarain aca, a thaobh pàigheadh màil/loidsidh. Tha stiùireadh feumail aig Fasgadh Alba dhaibhsan air a bheil buaidh mar thoradh air Covid-19, dìreach cliogaibh an seo.

Bu chòir iadsan aig a bheil morgaidsean beachdachadh air na rèiteachaidhean pàighidh an lùib shaor-làithean ùisneachadh, a chleachd a’ mhòr-chuid de bhancaichean is solaraichean morgaids mar thoradh air a’ phandamaig. Feuch gun labhair sibh ri ur solaraiche morgaids airson barrachd deasbaid air an seo.

Tha sinn cuingealaichte nar comais air maoinean a riarachadh mu choinneamh chosgaisean àite-còmhnaidh no cuideachadh a thoirt seachad le geàrr-shuim sam bith.  Leanaidh sinn air adhart ge-tà a’ toirt taic do dh’oileanaich a bhiodh roimhe air na slatan-tomhais airson taic a choileanadh.

Call cosnaidh/teachd-a-steach fèin-fhastaidh

On a bha an sgioba-obrach nàiseanta a’ làn choileanadh gu 20 Màrt 2020, thathar an dùil gum faigh thu pàigheadh bhon fhastaiche agad airson uairean obrach suas chun a’ chinn-latha sin, air an latha pàighidh àbhaisteach fiù ged a bhiodh e air a lùghdachadh a thaobh uairean nach do dh’obraich thu.   

Tha mòran fhastaichean a’ coimhead ri bhith a’ gabhail ri Sgeama Gleidhidh Obraichean an riaghaltais a bhios ri fhaotainn leotha bho dheireadh a’ Ghiblein. Bu chòir do fhastaichean d’ fiosrachadh mu dheidhinn a bheil iad a’ dol:

  • gud chur sa bhuidheann “Luchd-obrach Fòrlaichte” far am faigh thu 80% ded phàigheadh àbhaisteach
  • no gud chomhairleachadh gu bheil do chosnadh air a thoirt gu crìch. Far a bheil do chosnadh air a chrìochnachadh, bu chòir dhut a bhith a’ coimhead ri pàigheadh shaor-làithean sam bith fhaighinn air ais, air a bheil thu airidh.

Dh’fhaodadh gum bi cothrom aig oileanaich fèin-fhastaichte air cuideachadh bhon riaghaltas. Tha Caidreachas nan Gnothachasan Beaga (FSB) air stiùireadh feumail a thoirt gu buil gus daoine fèin-fhastaichte a chuideachadh tron àm mhì-chinnteach seo.

Dh’fhaodadh cuideachd gum bi e comasach tagradh airson Creideas Coitcheann (faic gu h-ìosal).

Tha Màrtainn Lewis, Eòlaiche Sàbhaladh Airgid, air stiùireadh feumail a chruthachadh mar thaic dhaibhsan a tha air an cosnadh a chall tro bhuaidh Covid-19, no a tha fèin-fhastaichte. 

Tha sinn cuingealaichte nar comais air maoinean a riarachadh airson dèiligeadh ri call teachd-a-steach no cuideachadh a thoirt seachad le geàrr-shuim sam bith.  Leanaidh sinn air adhart ge-tà a’ toirt taic do dh’oileanaich aig a bheil duilgheadasan geàrr-amail a thaobh sruth-airgid.

Tagraiche Creideis Coitcheann Làithreach

Far a bheil thu air teachd-a-steach cosnaidh/fèin-chosnaidh a chall, agus tu mar-thà nad thagraiche air Creideas Coitcheann, nì do chunntas pearsanta cinnteach gum bi an teachd-a-steach as lugha a dh’fheumas tu agad a tha an riaghaltas a’ meas iomchaidh airson bith-beò làitheil do theaghlaich. Bheir e cunntas air do theachd-a-steach oileanach agus nì e atharrachadh a rèir do lùghdachaidh air teachd-a-steach mar thoradh air call cosnaidh/fèin-chosnaidh. 

Ma tha thu fhathast ann an cruadal ionmhasail, feuch gun dèan thu tagradh airson tabhartas èiginn bho Riaghaltas na h-Alba. Cha toir seo buaidh air do phàighidhean a thaobh creideas coitcheann.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Chreideas Coitcheann, cliogaibh an seo.

Tha sinn cuingealaichte nar comais air maoinean a riarachadh ma tha thu a’ faotainn Creideas Coitcheann, no cuideachadh a thoirt seachad le geàrr-shuim sam bith.  Thoir an aire gum faod pàighidhean sam bith a bheir sinn dhut, a bhith air am meas mar theachd-a-steach agus do phàighidhean Creideis Coitcheann a lùghdachadh san àm ri teachd.

Tagraidhean ùra creideis coitcheann

Far a bheil thu air teachd-a-steach cosnaidh/fèin-chosnaidh a chall, agus nach eil thu mar-thà nad thagraiche air Creideas Coitcheann, faodaidh tu tagradh airson creideas coitcheann gus a dhèanamh cinnteach gu bheil an teachd-a-steach as lugha agad a tha an riaghaltas a’ meas iomchaidh airson bith-beò làitheil do theaghlaich.

Bheir iad cunntas air do theachd-a-steach oileanach.

Is urrainn do chreideas coitcheann pàigheadh adhartachadh gus faothachadh a thoirt a thaobh cruadal làithreach.

Ma tha thu fhathast ann an cruadal ionmhasail, feuch gun dèan thu tagradh airson tabhartas èiginn bho Riaghaltas na h-Alba oir cha toir seo buaidh air do phàighidhean a thaobh Creideas Coitcheann. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Chreideas Coitcheann, feuch gun cliog thu an seo.

Tha sinn cuingealaichte nar comais air maoinean a riarachadh ma tha thu a’ tagradh airson Creideas Coitcheann, no cuideachadh a thoirt seachad le geàrr-shuim sam bith.  Thoir an aire gum faod pàighidhean sam bith a bheir sinn dhut, a bhith air am meas mar theachd-a-steach agus buaidh a thoirt air do thagradh airson Creideis Coitcheann.

Cosgaisean siubhail

Tha sinn a’ sùileachadh gun lùghdaich do chosgaisean siubhail a rèir nan atharrachaidhean beatha agad bho latha gu latha mar thoradh air a’ phandamaig COVID-19. 

Tha sinn cuingealaichte nar comais air maoinean a riarachadh airson siubhal agus dh’fhaodadh nach urrainn dhuinn cuideachadh a thoirt seachad.

Uidheam IT

Bu chòir do dhuilgheadasan le uidheam IT air a bheil feum airson cothrom fhaotainn air ionnsachadh, a bhith air an cur gu do thaoitear.  Cuiridh a’ Cholaiste agad suidheachadh iomchaidh air dòigh dhut, far an gabh sin a dhèanamh.

Cha bhi a’ mhaoin fo ùghdarras a’ còmhdach chosgaisean uidheim.

Mura h-eil mi airidh air Maoineachadh Roghainneil, a bheil taic a bharrachd ri fhaighinn? (Ùr) susbaint

Mura h-eil mi airidh air Maoineachadh Roghainneil, a bheil taic a bharrachd ri fhaighinn? (Ùr)

Mura h-eil mi airidh air Maoineachadh Roghainneil, a bheil taic a bharrachd ri fhaighinn? (Ùr)

Mura h-eil thu airidh air Maoineachadh Roghainneil, is dòcha gum faigh thu taic bho Mhaoin Sgrùdaidh Èiginn ùr an oilthigh.

Chaidh seo a stèidheachadh gus oileanaich a tha fo bhuaidh suidheachadh Covid-19 a chuideachadh agus a tha feumach air uidheamachd IT, gus leigeil leotha leantainn air adhart len cuid ionnsachaidh, no taic ionmhais gus cuideachadh le cosgaisean bith-beò bho latha gu latha. A thaobh taic ionmhais, cha bu chòir ach oileanaich NACH EIL airidh air maoin roghnach tagradh a-steach don mhaoin seo. Tha seo a ’toirt a-steach, ach chan eil e cuingealaichte dha, oileanaich AE agus Eadar-nàiseanta.

Mura h-eil thu cinnteach am biodh tu airidh air airgead, cuir fios chun sgioba maoineachaidh ionadail agad a bheir comhairle dhut a bharrachd.

susbaint

Oileanaich foghlaim adhartach

Tha mi gu bhith a’ crìochnachadh mo chùrsa colaiste ach a’ cleachdadh cùisean a nì maothachadh air suidheachadh gus obair a chuir a-steach às deidh an t-samhradh, dè an taic a gheibh mi mura h-urrainn dhomh obair a lorg? susbaint

Tha mi gu bhith a’ crìochnachadh mo chùrsa colaiste ach a’ cleachdadh cùisean a nì maothachadh air suidheachadh gus obair a chuir a-steach às deidh an t-samhradh, dè an taic a gheibh mi mura h-urrainn dhomh obair a lorg?

Tha mi gu bhith a’ crìochnachadh mo chùrsa colaiste ach a’ cleachdadh cùisean a nì maothachadh air suidheachadh gus obair a chuir a-steach às deidh an t-samhradh, dè an taic a gheibh mi mura h-urrainn dhomh obair a lorg?

Bu chòir dhut a bhith comasach tagradh a dhèanamh airson Creideas Coitcheann a chuidicheas le do chosgaisean bith-beò. Is dòcha gu bheil thu a’ feitheamh ri do thagradh a ghiullachd air sgàth iarrtas àrd gnàthach ach ma tha feum agad air, faodaidh tu pàigheadh ro-làimh iarraidh.

Ciamar a gheibh mi mo phàigheadh bhon chuibhreann foghlaim bith-beò? susbaint

Ciamar a gheibh mi mo phàigheadh bhon chuibhreann foghlaim bith-beò?

Ciamar a gheibh mi mo phàigheadh bhon chuibhreann foghlaim bith-beò?

Thèid am pàigheadh EMA a riarachadh gu h-iomlan san dòigh àbhaisteach air a’ cheann-latha chlàraichte. Cuimhnich nach bi pàighidhean sam bith gan riarachadh airson seachdainean shaor-làithean, agus chan eil seo air atharrachadh.

Ciamar a thèid am bursaraidh foghlaim adhartach agam a phàigheadh? susbaint

Ciamar a thèid am bursaraidh foghlaim adhartach agam a phàigheadh?

Ciamar a thèid am bursaraidh foghlaim adhartach agam a phàigheadh?

Thèid cuibhreann nan cosgaisean bith-beò a phàigheadh gu h-iomlan san dòigh àbhaisteach air a’ cheann-latha chlàraichte.

Cha tèid an cuibhreann siubhail do na seachdainean às dèidh saor-làithean na Càisge far am fuirich a’ cholaiste dùinte, a phàigheadh. Bheirear seo air ais nuair a thèid tòiseachadh a’ siubhal gu tràthan teagaisg aghaidh ri aghaidh a-rithist.

Am faodadh bursaraidhean a bhith pàighte tràth gus oileanaich a chuideachadh? susbaint

Am faodadh bursaraidhean a bhith pàighte tràth gus oileanaich a chuideachadh?

Am faodadh bursaraidhean a bhith pàighte tràth gus oileanaich a chuideachadh?

Aig an àm seo, bidh pàighidhean bursaraidh air an riarachadh fhathast air na cinn-latha clàraichte.  Gu làithreach, chan eil planaichean sam bith an gnìomh airson pàighidhean a riarachadh tràth do na h-oileanaich. Nam bu mhath leat conaltradh ri cuideigin mu chùisean airgid, faodaidh tu fios a chur gu do sgioba taic ionadail airson comhairle.

Ciamar a thèid na maoinean cruadail fo ùghdarras agam a phàigheadh? susbaint

Ciamar a thèid na maoinean cruadail fo ùghdarras agam a phàigheadh?

Ciamar a thèid na maoinean cruadail fo ùghdarras agam a phàigheadh?

Thèid na maoinean a phàigheadh gu h-iomlan san dòigh àbhaisteach air a’ cheann-latha chlàraichte.

Dè th’ ann am maoinean fo ùghdarras? susbaint

Dè th’ ann am maoinean fo ùghdarras?

Dè th’ ann am maoinean fo ùghdarras?

Tha maoinean fo ùghdarras an làthair airson taic a thoirt do dh’oileanaich a tha air na maoinean uile a tha rim faotainn leotha a chosg, agus a tha fhathast ann am fìor chruadal. Rè Covid-19, bidh màl, dealan agus teasachadh nan raointean prìomhachais airson tagraidhean maoineachaidh.

Am faigh mi maoineachadh fhathast airson siubhal? susbaint

Am faigh mi maoineachadh fhathast airson siubhal?

Am faigh mi maoineachadh fhathast airson siubhal?

Mar thoradh air stiùireadh fèin-iomallachd nàiseanta agus a chionn ’s gu bheil ar colaistean air teagasg aghaidh-ri-aghaidh a stad, tha Comhairle Maoineachaidh na h-Alba air comhairleachadh nach bu chòir feum a bhith aig oileanaich tuilleadh air taic chosgaisean siubhail, agus thèid pàighidhean atharrachadh da rèir. Tha seo a’ gabhail a-steach oileanaich a bha a’ faighinn chosgaisean siubhail bho mhaoinean cruadail fo ùghdarras foghlam adhartach no foghlam àrd-ìre, agus stadaidh an eileamaid seo cuideachd.  

Ma tha thu ann an cruadal ionmhasail, feuch gun cuir thu fios gu do sgioba Taic Oileanaich/Ionmhas Oileanaich ionadail agad.

An tèid mo chomharrachadh às-làthair bhom chùrsa agus ciamar a bheir seo buaidh air pàighidhean bho na maoinean taic oileanaich agam? susbaint

An tèid mo chomharrachadh às-làthair bhom chùrsa agus ciamar a bheir seo buaidh air pàighidhean bho na maoinean taic oileanaich agam?

An tèid mo chomharrachadh às-làthair bhom chùrsa agus ciamar a bheir seo buaidh air pàighidhean bho na maoinean taic oileanaich agam?

Bhon 17 Màrt 2020 agus gus an tòisich teagasg chlasaichean aghaidh-ri-aghaidh agus greisean-gnìomhachais a-rithist, thèid às-làthaireachd ùghdarraichte a thoirt dhut le dùil gum bi thu an sàs ann an ionnsachadh air-loidhne, far a bheil e air a sholarachadh dhut le luchd-obrach.

An tèid leantainn air adhart a’ pàigheadh mo mhaoineachadh taic oileanaich ma tha mi ann am fèin-iomallachd? susbaint

An tèid leantainn air adhart a’ pàigheadh mo mhaoineachadh taic oileanaich ma tha mi ann am fèin-iomallachd?

An tèid leantainn air adhart a’ pàigheadh mo mhaoineachadh taic oileanaich ma tha mi ann am fèin-iomallachd?

Thèid, leanaidh oileanaich air adhart a’ faighinn maoineachadh taic oileanaich uile (ach cosgaisean siubhail) nuair a tha iad ann am fèin-iomallachd ann an co-rèir ri stiùireadh HS Scotland inform COVID-19.

susbaint

Oileanaich foghlaim Àrd-Ìre

Tha Riaghaltas na h-Alba, Buidheann Dhuaisean Oileanaich Alba, Foghlam Alba  agus Companaidh Iasadan Oileanaich a’ comhairleachadh do dh’oileanaich sùil a chumail air an t-suidheachadh tro sgrùdadh air na làraichean-lìn aca airson an fhiosrachaidh as ùire, agus a bhith a’ leantainn sianalan nam meadhanan sòisealta.  

Tha mi nam oileanach sa bhliadhna mu dheireadh a’ cleachdadh cùisean a nì maothachadh air suidheachadh gus obair acadaimigeach dheireannach a chuir a-steach às deidh an t-samhradh, dè an taic a gheibh mi mura h-urrainn dhomh obair a lorg? susbaint

Tha mi nam oileanach sa bhliadhna mu dheireadh a’ cleachdadh cùisean a nì maothachadh air suidheachadh gus obair acadaimigeach dheireannach a chuir a-steach às deidh an t-samhradh, dè an taic a gheibh mi mura h-urrainn dhomh obair a lorg?

Tha mi nam oileanach sa bhliadhna mu dheireadh a’ cleachdadh cùisean a nì maothachadh air suidheachadh gus obair acadaimigeach dheireannach a chuir a-steach às deidh an t-samhradh, dè an taic a gheibh mi mura h-urrainn dhomh obair a lorg?

Bu chòir dhut tagradh a dhèanamh airson Creideas Coitcheann a chuidicheas le do chosgaisean bith-beò. Is dòcha gu bheil thu a’feitheamh ùine airson do thagradh a thaobh iarrtas àrd ach ma tha feum agad air, faodaidh tu pàigheadh ro-làimh iarraidh.

‘S docha gu bheil thu cuideachd airidh air taic geàrr-ùine bho mhaoin roghnach ach tha na feadhainn a tha a dèiligeadh leis faiceallach mu bhith a’ toirt seachad airgead do dh’ oileanaich a tha a’ faighinn Creideas Coitcheann oir tha pàigheadh sam bith bhon mhaoin seo air a chunntadh mar theachd-a-steach agus mar sin bheir e buaidh air do Chreideas Coitcheann. Feumaidh tu seo a chumail nad inntinn ma gheibh thu taic bhon mhaoin seo.

An tèid an t-iasad oileanaich agam a phàigheadh? susbaint

An tèid an t-iasad oileanaich agam a phàigheadh?

An tèid an t-iasad oileanaich agam a phàigheadh?

Thèid. Tha pàighidhean iasadan oileanaich uile a tha dèante tro Chompanaidh Iasadan nan Oileanach do dh’oileanaich Albannach fhathast gam pàigheadh mar a chaidh a phlanadh. Is e Companaidh Iasadan nan Oileanach a bhios a’ riarachadh iasadan oileanaich. Gheibh thu an stiùireadh as ùire do dh’oileanaich làithreach agus oileanaich san amharc air làrach-lìn Companaidh Iasadan nan Oileanach.

Bu chòir do dh’oileanaich leantainn air adhart an sàs sna sgrùdaidhean aca tro na rèiteachaidhean cùrsa ùra airson teagasg is ionnsachadh a lìbhrigeadh air-loidhne. A thuilleadh air an sin, bu chòir dhut na rèiteachaidhean aithris làthaireachd ionadail a leantainn, a tha a’ gabhail a-steach do stiùiriche cùrsa no neach-obrach taic eadar-nàiseanta fhiosrachadh nuair nach eil thu gu math.

Dè th’ ann am maoinean fo ùghdarras? susbaint

Dè th’ ann am maoinean fo ùghdarras?

Dè th’ ann am maoinean fo ùghdarras?

Tha maoinean fo ùghdarras rim faotainn gus taic a thoirt do dh’oileanaich a tha air a’ mhaoineachadh uile a tha ri fhaotainn leotha a chosg, agus a tha fhathast a’ fulang fìor chruadal.

An tèid a’ mhaoin cruadail fo ùghdarras agam a phàigheadh fhathast? susbaint

An tèid a’ mhaoin cruadail fo ùghdarras agam a phàigheadh fhathast?

An tèid a’ mhaoin cruadail fo ùghdarras agam a phàigheadh fhathast?

Thèid. Thèid iad sin a phàigheadh gu h-iomlan san dòigh àbhaisteach air a’ cheann-latha chlàraichte.

Cha do rinn mi tagradh airson maoineachadh na bliadhna-sa fhathast agus tha an ceann-ama air 31 Màrt air a dhol seachad, an tèid mo phàigheadh? susbaint

Cha do rinn mi tagradh airson maoineachadh na bliadhna-sa fhathast agus tha an ceann-ama air 31 Màrt air a dhol seachad, an tèid mo phàigheadh?

Cha do rinn mi tagradh airson maoineachadh na bliadhna-sa fhathast agus tha an ceann-ama air 31 Màrt air a dhol seachad, an tèid mo phàigheadh?

Tha Buidheann Dhuaisean Oileanaich Alba a’ brosnchadh oileanaich gu an tagraidhean a tha rim pàigheadh airson 2019/20 a chur a-steach ro 31 Màrt 2020, far an gabh sin a dhèanamh.  Ach mar thoradh air na h-amannan neo-àbhaisteach a th’ againn, bithear ceadach ann am beachdachadh air pàighidhean fadalach agus nì Buidheann Dhuaisean Oileanaich Alba strì ri leantainn air oileanaich a phàigheadh ann an àm.

Am faod mi lethbhreacan a chur sa phost fhathast gu oifisean Buidheann Dhuaisean Oileanaich Alba? susbaint

Am faod mi lethbhreacan a chur sa phost fhathast gu oifisean Buidheann Dhuaisean Oileanaich Alba?

Am faod mi lethbhreacan a chur sa phost fhathast gu oifisean Buidheann Dhuaisean Oileanaich Alba?

Chan fhaod, tha an seòmar postachd aca a-nis dùinte gus am faighear tuilleadh fios, ach feuchaidh iad ri leantainn air adhart a’ solarachadh maoineachadh ann an àm.  Feumaidh tu pàipearan/fianais a chur air-loidhne no a chur a-steach tron uas-lodair phàipearan air-loidhne air a’ chunntas SAAS agad.