Mothachalachd air Cleasan Mealltach

Feuchaibh nach bi sibh air ur mealladh le cleasan mun chorona-bhìoras! susbaint

Feuchaibh nach bi sibh air ur mealladh le cleasan mun chorona-bhìoras!

Tha sinn an dèidh beagan comhairle ghoireasach a chur ri chèile o Friends Against Scams san àm seo anns am bi feadhainn, cha lughaide, a’ feuchainn ri brath a ghabhail air an t-suidheachadh neo-àbhaisteach anns a bheil an comann-sòisealta againn an-dràsta.

Feuchaibh an leugh sibh gu faicilleach na tha gu h-ìseal agus tadhlaibh air an làraich-lìn aca ma tha sibh ag iarraidh beagan trèanaidh air loidhne an-asgaidh a dhèanamh gur dìon fhèin.

susbaint

⚠️ Bithibh air ur faicill o dhaoine a tha a’ tairgsinn ìocshlaintean mìorailteach no banachdaichean an aghaidh a’ chorona-bhìorais – chan eil leigheas sònraichte air a’ chorona-bhìoras (COVID-19) ann. Is e a bhithear a’ feuchainn le ceuman meidigeach na buaidhean aotramachadh gus am faigh sibh thairis air.

⚠️ Seirbheisean glanadh taighe.

⚠️ Daoine a bhith a’ gabhail orra gun e oibrichean cùram slàinte a th’ annta, agus iad a’ dèanamh a-mach gu bheil iad a’ tairgsinn ‘deuchainn aig an taigh’ airson a’ chorona-bhìoras – is e cleas mealltach a tha seo agus chan eil na h-acainnean seo ann ri an ceannach aig an àm seo.

⚠️ Mar as trice is e breugan a th’ ann am puist-d a tha ag ràdh gum faigh sibh airgead air ais air cìsean, bun-ghoireasan no a leithid is chan eil iad ach ag iarraidh an fhiosrachaidh phearsanta agus an fhiosrachaidh banca agaibh.

⚠️ Is iomadh bathar brèige a th’ ann ri a cheannach air loidhne a tha ag ràdh gun urrainn dhaibh ur dìon no an corona-bhìoras a leigheas. Cha dèan iad seo mìr math is tha iad air an innleachadh a thoirt ur n-airgead bhuaibh.

⚠️ Tha aplacaidean ùra airson fònaichean-pòca a tha a’ dèanamh a-mach gun toir iad naidheachdan dhuibh mun bhìoras, ach, an àite sin, glasaidh iad am fòn agaibh agus iarraidh iad èirig.

⚠️ Chan iarr am banca agaibh no am poileas uair sam bith am fiosrachadh banca agaibh air a’ fòn.

⚠️ Daoine a’ tairgsinn seopaireachd a dhèanamh dhuibh no cungaidhean-leighis a thogail is iad ag iarraidh airgead ro làimh mum falbh iad gun tilleadh tuillidh.

⛔ Bithibh air ur faicill agus dèanaibh a rèir ur ceudfath fhèin. Chan eagal dhuibh am fòn a leagail, an gnothach a chur sa bhiona, a dhubhadh às no an doras a dhruideadh.

⛔ Gabhaibh air ur socair; na leigibh le duine sam bith deifir a chur oirbh.

⛔ Ma tha cuideigin a’ dèanamh a-mach gu bheil iad a’ riochdachadh carthannas, iarraibh dearbh-aithneachadh orra. Biodh ur n-amharas air duine sam bith a dh’iarras airgead ro làimh. Ma dh’fheuchas cuideigin ri seirbheis a sparradh oirbh cha dual dhaibh a bhith onarach. Feuchaibh dè a their ur teaghlach no càirdean mun gabh sibh ri tairgsean de chuideachadh mura bheil sibh cinnteach.

⛔ Ma tha sibh air loidhne, bithibh air ur faicill o naidheachdan breugach is uisnichibh aithrisearan earbsach leithid làraichean-lìn .gov.uk no NHS.uk. Bithibh cinnteach gun clò-sgrìobh sibh na seòlaidhean a-steach agus na bithibh a’ toirt briog air ceanglaichean ann am puist-d.

⛔ Na bithibh a’ ceannach bathar ach o reiceadairean cearta agus smaointichibh car tiota mun toir sibh seachad airgead no fiosrachadh pearsanta.

⛔ Biodh fhios agaibh co ris a tha ur gnothach – ma tha feum agaibh air cuideachadh, bruidhnibh ri cuideigin as aithne dhuibh no cuiribh fios chun na Comhairle ionadail agaibh air na h-àireamhan gu h-ìseal.

⛔ Cumaibh am fiosrachadh ionmhasail agaibh sàbhailte, gu sònraichte o dhaoine nach aithne dhuibh. Na toiribh ur cairt banca no ur n-àireamh dearbh-aithneachaidh do choigreach uair sam bith.

Fiosrachadh conaltraidh susbaint

Fiosrachadh conaltraidh

Ma tha sibh a’ smaointeachadh gun deach cleas mealltach a dhèanamh oirbh, thoiribh fios mu thimcheall do Action Fraud air 0300 123 2040 agus ma tha feum agaibh air comhairle, cuiribh fòn chun Loidhne-chuideachaidh Luchd-ceannaich Chomhairle nan Saoranach air 0808 223 1133. Ma tha sibh ann an cunnart sa bhad, cuiribh fios chun a’ phoilis air 999.

Cuiribh fios chun a’ bhanca agaibh ma tha sibh a’ smaointeachadh gun deach cleas mealltach a dhèanamh oirbh.

A dh’ionnsachadh tuillidh mu dhiofar sheòrsaichean de chleasan mealltach agus mar a dhìonas sibh sibh fhèin agus càch, tadhlaibh air www.FriendsAgainstScams.org.uk agus dèanaibh an trèanadh an-asgaidh air loidhne.