Cùisean ciorraim
Is e amas an oilthigh àrainneachd thaiceil a thabhann far a bheil fàilte ron a h-uile duine is bidh e a’ strì gus seirbheisean iomchaidh agus èifeachdach a thoirt do dh’oileanaich le ciorraman. Tha na dòighean teasgaisg, ionnsachaidh is measaidh againn sùbailte agus air an deilbh gus coinneachadh ri farsaingeachd de dh’fheumalachdan. Le bhith a’ tabhann taic èifeachdach, is e an t-amas againn leigeil leis a h-uile oileanach pàirt iomlan a ghabhail anns a h-uile gnìomh fhad ’s a bhios iad ag ionnsachadh còmhla rinn.
Fiosrachadh dhut
Leughaibh an fhiosrachadh prìobhaideach againn airson fhaighinn a-mach ciamar a tha fiosrachadh pearsanta a ‘buntainn ri ciorramachdan foillsichte air a làimhseachadh agus air am cleachdadh leis an oilthigh.
Ag innse dhuinn mu na feumalachdan agad
Thathas a’ brosnachadh a h-uile oileanach agus an fheadhainn a tha airson a bhith nan oileanaich còmhla rinn innse dhuinn mu feum sònraichte sam bith a th’ aca cho luath ’s a ghabhas.
Le bhith a’ cur fios do sheirbheisean taice aig a’ Chom-pàirtiche Acadaimigeach agad cho luath ’s a ghabhas, bidh e comasach dhaibh taic iomchaidh a chur an àite cho luath ’s a ghabhas.
Tha e gu h-àbhaisteach gu math cuideachail don oilthigh, is e a’ cur taic air dòigh dhut, ma bhios fianais fhoirmeil agad de dh’fheum. Gu tric tha e riatanach gum faigh sinn fianais fhoirmeil agus tha còir aig an oilthigh beachd eile iarraidh, le aontachadh bhuatsa, ma thachras e nach eil e comasach fios a chur don phroifeiseantach teistichte iomchaidh.
Maoineachadh do dh’oileanaich le ciorraman
A rèir an t-suidheachaidh agad fhèin, faodaidh gum bi thu airidh air taic ionmhasail a choinneachadh ri cosgaisean do chuid ionnsachaidh agus a chuideachadh le uidheam sònraichte air am faod feum a bhith agad.
Goireasan a bharrachd
Tha àireamh de phoileasaidhean aig an oilthigh a bhios a’ neartachadh an dealais againn airson chothroman co-ionann. Tha cuideachd àireamh de bhuidhnean air an taobh a-muigh a bhios a’ solar taic.
Ruigsinneachd na làraich-lìn
Chaidh an làrach-lìn againn a dheilbh a choinneachadh ri riatansan ruigsinneachd. Leugh an aithris ruigsinneachd againn.