Sgeama Bhursaraidhean Gàidhlig

Tha an sgeama seo air a ruith leis an oilthigh agus air a mhaoineachadh le Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar. Feumaidh oileanaich a tha airson iarrtas a dhèanamh airson an sgeama seo a bhith a’ fuireach agus a’ frithealadh an oilthigh anns na sgìrean comhairle seo.

’S ann do dh’oileanaich a tha airson Gàidhlig ionnsachadh, no ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig a tha an sgeama seo. Thèid prìomhachas a thoirt do dh’oileanaich sa chiad bhliadhna aca a tha airson CertHE, DipHE no BA a choilionadh.

Tha foirmichean iarrtais rim faotainn bho Shabhal Mòr Ostaig UHI agus Colaisde a’ Chaisteil UHI. Cuir fios chun an sgioba taic oileanaich ionadail agad airson barrachd fiosrachaidh mun bhursaraidh seo no airson cuideachadh le bhith a’ lìonadh an fhoirm.