Home ionnsachadh aig UHI Ciad cheumannan aig an oilthigh Inntrigeadh do chùrsaichean

Inntrigeadh do chùrsaichean

Tha siostam inntrigidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh aois, ciorram, dearbh-aithne gnè, leatrom agus inbhe màthaireil, cinneadh, creideamh, gnè, aomadh gnèitheasach no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh an t-oilthigh a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le feumalachdan taic ionnsachaidh no ciorraman. Poileasaidh inntrigidh iomlan.

Tha fiosrachadh mu thomhaisean inntrigidh ri fhaotainn air gach duilleag cùrsa. Thoir sùil air a’ chùrsa a thagh thu airson fiosrachadh mu na h-ìrean a bhios a dhìth agus barrachd fiosrachaidh. Cha leig thu leas na teisteanasan uile seo fhaighinn aig an aon àm. Bidh sinn cuideachd a’ gabhail ri farsaingeachd mhòr de theisteanasan co-ionann agus sinn ag aithneachadh gum bi daoine a’ faighinn teisteanasan tro chaochladh shlighean agus gum faod iad freagarrachd airson ionnsachadh ann am foghlam àrd-ìre a shealltainn ann an diofar dhòighean. Ma bhios teagamh sam bith agad mu na tomhaisean inntrigidh agad, no ma tha thu ag iarraidh stiùireadh a thaobh nan cùrsaichean a bhios a dhìth ort airson roinn ionnsachaidh sònraichte, cuir fios gu comhairleach inntrigidh. Airson thomhaisean inntrigidh airson HNC no HND, no fiosrachadh mu dheidhinn chùrsaichean inntrigidh no aithneachadh air ionnsachadh nach d’fhuair thu teisteanas air a shon, faic gu h-ìosal.

Tha an t-oilthigh a’ cur fàilte air a’ Churraicealam airson Sàr-mhathas ann an Alba agus Teisteanasan Nàiseanta ùra ann an àrd-sgoiltean na h-Alba. Bidh e comasach do na h-oileanaich seo iarrtas a dhèanamh airson àite aig an oilthigh ann an 2015; faic an aithris inntrigidh againn a thaobh Curraicealam airson Sàr-mhathas.