Home ionnsachadh aig UHI Ionnsachadh pàirt-ùine, airloidhne agus sùbailte

Ionnsaich ann an àite agus aig àm a tha freagarrach dhut fhèin

Bu chòir gum bi e comasach dhut ionnsachadh aig an oilthigh ge b’ e dè tha dol agad, agus sin an adhbhar a bhios sinn a’ tabhann dhòighean ionnsachaidh sùbailte agus diofraichte dhut, gus am bi e comasach dhut do chuid ionnsachaidh a dhèanamh mar as fhreagarraiche dhut fhèin.

Aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ’s urrainn dhut ionnsachadh pàirt-ùine no làn-ùine, aig astar, air-loidhne, aig aon de na h-ionadan ionnsachaidh ionadail againn, no tighinn do aon de na prìomh àrainnean againn - tha e an urra riut fhèin.

Bidh sinn a’ cleachdadh teicneòlas ann an dòigh ùr-ghnàthach gus dèanamh cinnteach gu bheil na cùrsaichean againn cho sùbailte ’s a ghabhas gus leigeil leat do chuid ionnsachaidh a dhèanamh mar as fhreagarraiche don bheatha phearsanta agus proifeiseanta agad.

Tha a’ mhòr-chuid de na cùrsaichean againn ri fhaotainn ri a ionnsachadh pàirt-ùine, agus ’s urrainn dhut modalan fa leth a dhèanamh agus do theisteanasan a thogail ri ùine.

Tha tòrr chùrsaichean ri fhaotainn airson ionnsachadh air-loidhne bhon taigh no bho d’àite-obrach - no à dh’àite sam bith le ceangal don eadar-lìn!

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean dealasach airson chothroman air agus com-pàirteachadh ann an àrd-fhoghlam a leudachadh air feadh na sgìre againn. Is e amas a’ phoileasaidh againn a thaobh chothroman a leudachadh dèanamh cinnteach gu bheil na cùrsaichean againn cho ruigsinneach sa ghabhas air feadh com-pàirteachas UHI. ’S e an neach fa leth fòcas leudachadh com-pàirteachadh agus ’s ann mu bhith a’ brosnachadh dhaoine gus pàirt a ghabhail ann an àrd-fhoghlaim a tha e, a’ toirt a h-uile taic dhaibh a bhith a’ dèanamh adhartas.

Tuilleadh fiosrachaidh mun phoileasaidh againn air cothroman agus com-pàirteachadh a leudachadh.