Home ionnsachadh aig UHI Leasachadh dreuchdail

Leasachadh dreuchdail

Is e amas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean fàs eaconamach a dhèanamh comasach an dà chuid don Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan agus do dh’Alba.

 

Tha sinn a’ dèanamh seo tro chom-pàirteachadh le gnothachas agus gnìomhachas gus cùrsaichean a chruthachadh a sholaireas na sgilean agus an t-eòlas a tha deatamach a dhèanamh cinnteach gum bi eaconamaidh na h-Alba soirbheachail san àm ri teachd.

Bidh sinn ag obair còmhla ri gnothachasan air feadh Alba a thabhann chùrsaichean agus trèanadh a tha sàr-mhath, sùbailte airson leasachadh dreuchdail leantainneach.  Tha eòlas againn air a bhith a’ lìbhrigeadh trèanadh do bhuidhnean san roinn phrìobhaidich, nam measg LifeScan Scotland, agus buidhnean san roinn phoblaich, leithid NHS Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd.

Bidh Sgoil Stiùiridh UHI a’ speisealachadh ann a bhith a’ trèanadh ghnothachasan ann an sgilean ceannardais agus stiùiridh, leasachadh ro-innleachdail, tionsgainneachd agus sgilean airson fàs a thoirt air gnòthachasan.

Faodar a’ mhòr-chuid de na cùrsaichean againn a dhèanamh air stèidh pàirt-ùine agus mar mhodalan fa leth. Ge be dè a’ ghnìomhachas anns am bi thu ag obair, is urrainn dhut an dreuchd agad a thoirt chun na h-ath ìre le teisteanasan foirmeil a tha freagarrach don obair no gnothachas agad fhèin.

Trèanadh dhreuchdan

Tha an t-eòlas againn ann an lìbhrigeadh leasachadh proifeiseanta a’ gabhail a-steach na leanas (Beurla):


Bidh e comasach dhut fhèin no don luchd-obrach agad ionnsachadh pàirt-ùine agus air-loidhne, a’ dèanamh cinnteach gun urrainn dhuibh ur cuid ionnsachaidh a ghabhail os làimh a rèir nan clàran-ama tranga a bhios agaibh, an dà chuid proifeiseanta agus pearsanta.

Faodaidh gnothachasan agus buidhnean buannachdan fhaighinn às na comasan rannsachaidh againn cuideachd. Obraichidh an sgioba iomairt againn còmhla riut a chomharrachadh nan dòighean anns an urrainn don eòlas acadaimigeach againn feum a dhèanamh ann an dòigh dhìreach a thaobh fàs agus soirbheas do ghnothachais.