Pàirt-ùine, air-loidhne agus ionnsachadh sùbailte

susbaint

Bu chòir dhut a bhith comasach air ionnsachadh san oilthigh a dh’aindeoin do shuidheachaidh, agus sin an t-adhbhar gu bheil sinne a’ tabhann dhòighean ionnsachaidh dhut a tha diofraichte agus sùbailte, gus an urrainn dhut d’ ionnsachadh a fhreagairt air do sheòl beatha

Faodaidh tu ionnsachadh ann an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air bhunait pàirt-ùine no làn-ùine, air astar, air-loidhne, aig aon de ar n-aonadan ionnsachaidh ionadail no aig aon de ar prìomh champasan – do roghainn fhèin.

Bidh sinn a’ cleachdadh teicneòlas ann an dòigh ùr-ghnàthach gus an t-sùbailteachd as àirde a chleachdadh nar cùrsaichean agus ceadachadh dhut do chuid ionnsachaidh a fhreagairt air do dhealasan pearsanta is proifeiseanta.  

Tha a’ mhòr-chuid de ar cùrsaichean rim faotainn airson an ionnsachadh air bhunait pàirt-ùine, agus faodaidh tu fiù ’s an dèanamh air bhunait modal an dèidh modal agus do theisteanasan a thogail rè ùine.  

Tha mòran chùrsaichean rim faotainn airson ionnsachadh air-loidhne bho do dhachaigh no d’ àite obrach – no àite sam bith le ceangal eadar-lìn!  

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean dealasach mu leudachadh cothrom gu agus com-pàirteachadh ann am foghlam àrd-ìre tarsainn na sgìre againn. Tha sinn ag amas air dèanamh cinnteach gu bheil ar curraicealam a’ tabhann inntrigeadh sùbailte agus slighean adhartachaidh, agus gu bheil cùrsaichean rim faotainn cho farsaing ’s a ghabhas air feadh com-pàirteachas UHI. Tha leudachadh com-pàirteachaidh a’ cuimseachadh air an neach fa leth agus tha e mu dheidhinn brosnachadh dhaoine gu foghlam àrd-ìre agus solarachadh na dh’fheumar de thaic airson an eadar-ghluasad agus an adhartas a dhèanamh cho soirbheachail ’s a ghabhas.

  1. Ionnsaich nuair a tha thu ag iarraidh – faodaidh tu ionnsachadh pàirt-ùine agus air-loidhne gus d’ ionnsachadh a fhreagairt air do dhòigh-beatha.
  2. Ionnsachadh sùbailte – tha sinn a’ tuigsinn nach eil gealltanas do chùrsa slàn an-còmhnaidh comasach, mar sin faodaidh tu roghnachadh aon mhodal a sgrùdadh aig an aon àm agus do theisteanasan a thogail beag air bheag.
  3. Clasaichean beaga – gabh tlachd à suidheachadh oilthighe nas pearsanta agus faigh na dh’fheumas tu de thaic bho ar luchd-obrach eòlach.
  4. An roghainn aig prìs reusanta ma tha thu mar-thà a’ fuireach anns a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan, chan fheum thu do dhachaigh fhàgail leis na cosgaisean a tha an lùib a dhol don oilthigh; le còrr air 70 làrach, tha sinn an seo air an stairsich agad.
  5. Eòlas teicneòlasach – tha sinn air thoiseach ann an teicneòlasan co-labhairt bhidio a thaobh lìbhrigeadh chùrsaichean, ge ’r bith càite a bheil thu stèidhichte.