Cuir fios thugainn

Kathleen Moran

Oifigear Trusadh Sgoiltean
01463 279 510
kathleen.moran@uhi.ac.uk

Home ionnsachadh aig UHI Seirbheis Ceangal Sgoiltean

Seirbheis Ceangal Sgoiltean

Air feadh na bliadhna bidh an sgioba trusaidh a’ tadhail air àrd-sgoiltean gus taic a thoirt do phrògraman treòrachaidh ann am foghlam àrd-ìre agus gus taisbeanaidhean foghlam àrd-ìre UCAS fhrithealadh. Aig na tachartasan seo bidh e comasach do dh’oileanaich bruidhinn ri aon de na comhairlich againn agus leabhran-iùl fhaighinn.

Bidh sinn cuideachd a’ toirt seachad taisbeanaidhean gus sgoilearan a chuideachadh a thaobh a bhith a’ dèanamh cho-dhùnaidhean fiosrach mu na h-ath cheumannan aca ann am foghlam. Am measg nan cuspairean tha:


Cuir fios thugainn a bhruidhinn mu thaisbeanadh sònraichte do na sgoilearan agadsa.

Taisbeanaidhean foghlam àrd-ìre UCAS


Bidh an t-oilthigh air a riochdachadh aig na taisbeanaidhean foghlam àrd-ìre UCAS a leanas:

Diciadain 9 and Diardaoin 10 Màrt – Èireann a Tuath
Diardaoin 28 Giblean - Tyneside
Dihaoine 17 Ògmhios - Sheffield
Diluain 29 Lùnastal - Sruighlea
Dimàirt 30 Lùnastal – Siorrachd Àir
Diciadain 31 Lùnastal - Dùn Phris is Gall-Ghàidhealabh
Diardaoin 1 Sultain – Na Crìochan
Dimàirt 6 and Diciadain 7 Sultain – Dùn Èideann
Diardaoin 8 and Dihaoine 9 Sultain – Siorrachd Lannraig
Diluain 12 Sultain - Fìobha
Dimàirt 13 agus Diciadain 14 Sultain - Glaschu
Diluain 19 Sultain - Moireibh
Dimàirt 20 agus Diciadain 21 Sultain – Obar Dheathain
Diardaoin 22 Sultain – Taobh Tatha
Dimàirt 27 Sultain - Sealtainn
Diardaoin 29 Sultain - Arcaibh
Dimàirt 4 October – A’ Ghàidhealtachd (An Gearasdan)

Tadhalan agus làithean fosgailte aig na h-àrainnean againn

Thathas gu mòr a’ moladh gun tadhail sgoilearan air an àrainn no gum fritheil iad latha fosgailte. Bidh iad seo a’ toirt cothrom do dh’oileanaich coinneachadh ri luchd-obrach is oileanaich agus barrachd fhaighinn a-mach mu na goireasan agus taic a tha ri fhaotainn. Fiosrachadh mu làithean fosgailte is cinn-là.