A’ Mhaoin Sgoilearachd

Cuidich ar n-oileanaich gu an làn chomais a ruighinn tro bhacaidhean ionmhasail a thoirt air falbh susbaint

Cuidich ar n-oileanaich gu an làn chomais a ruighinn tro bhacaidhean ionmhasail a thoirt air falbh

Nuair a tha e air a chothromachadh an aghaidh cosgaisean cuibheasach mòr oileanaich an latha an-diugh, dh’fhaodadh nach fhaicear £1,000 na shùim ro mhòr. Ach tha e soilleir bho luchd-faighinn Maoin Sgoilearachd an oilthighe, gum faod e a bhith a’ ciallachadh an diofar eadar leantainn le an cuid ionnsachaidh no gun fheudar dhaibh an t-oilthigh fhàgail, gun tilleadh tuilleadh. Tha trì tèaman a’ tighinn am bàrr gu h-àraid, nuair a tha oileanaich ag innse ciamar a tha na tabhartasan air diofar a dhèanamh dhaibh: buidheachas bhon chridhe, irisleachd, agus gun teagamh sam bith, tarraingeachd na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

Nuair a leughas tu cunntas pearsanta an luchd-faighinn, tha iad gu do-chreidsinneach iriosal mu an euchdan. Ann an dòigh bheag ach deatamach tha na maoinean a bharrachd air cuideachadh le am beatha atharrachadh – gan comasachadh gu leantainn air adhart le foghlam àrd-ìre tro bhith a’ pàigheadh airson siubhal a tha riatanach; uidheam agus stuthan cùrsa; agus do chuid de phàrantan oileanaich, cur a dh’ionnsaigh chosgaisean cùram-chloinne gus barrachd ùine a cheadachadh dhaibh a bhith ag ionnsachadh gun stad.

susbaint

Tha àite cudromach aig na maoinean a gheibh sinn tro thabhartasan fialaidh bho luchd-taic aig a bheil an aon lèirsinn agus an dìoghras ceudna rinn fhìn a thaobh dìofar a dhèanamh, ann an comasachadh ar n-oileanaich leantainn orra ag adhartachadh tro an ionnsachadh.

Gach bliadhna, bidh a’ mhaoin gu h-àbhaisteach a’ faighinn a thrì uimhir de thagraidhean na an àireamh de dhuaisean a tha rim faotainn. B’ fhìor thoigh leinn a bhith ann an suidheachadh gu barrachd oileanaich a chuideachadh ach tha feum èiginneach againn air tabhartasan ùra airson ar comasachadh gu seo a dhèanamh.