Maoin Leasachaidh Oileanach

susbaint

Chaidh a’ Mhaoin Leasachaidh Oileanach a stèidheachadh air ais ann an 2009 agus tha e air buaidh mhòr a thoirt san ùine sin. Is e an t-amas aige cothrom a thoirt do na h-oileanaich againn pàirt a ghabhail ann an cothroman inntinneach an co-cheangal ris a’ chùrsa aca, gus an leasachadh pearsanta a chuideachadh, an eòlas a thogail agus an sealladh aca a leudachadh. Gu duilich, thèid na cothroman sin a chall gu tric mar thoradh air cnapan-starra ionmhais, gu sònraichte air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, far am faod cosgaisean siubhail a bhith gu math nas motha.

Le glè bheag de mhaoineachadh, tha e comasach dhuinn taic a thoirt do faisg air 500 oileanach gus na h-amasan aca a choileanadh! Dìreach cliog air aghaidhean cuid den luchd-faighinn taingeil gu h-ìosal agus leugh na tha aca ri ràdh!

Tha sinn airson leantainn air adhart a’ toirt taic do na h-oileanaich againn airson mòran bhliadhnaichean ri thighinn ach tha feum aig a’ mhaoin air tabhartasan gun dàil. Cuidich sinn le bhith a’ brosnachadh agus a’ misneachadh ar n-oileanaich le tabhartas gnìomhachais no pearsanta.

Chloe Steele George Gunn Bryony Brooks Matthew Snape Christian Gamauf Ailis Sutherland Will Rowland Rebecca Boyd Joanne Jamieson Ivan Cautain