Maoin Liam Colgan

susbaint

Tha maoin ùr air a stèidheachadh le teaghlach Liam Colgan, airson cothrom a thoirt do dh’oileanaich an sgilean sgrìobhaidh òrain is sgilean gnìomhaidh a leasachadh agus a neartachadh agus ceòl Liam a chumail beò.

Liam Colgan

Tha a’ mhaoin a’ solarachadh dà dhuais bhliadhnail:

  1. Duais Sgrìobhaidh Òrain Liam Colgan: gus cothrom a thoirt do neachsgrìobhaidh òrain le miann adhartais, ealain agus ceàird an lùib sgrìobhadh òrain a sgrùdadh le taic bho phrìomh sgrìobhaiche òrain den roghainn fhèin.
  2. Duais Riochdachaidh Ciùil Liam Colgan: gus cothrom a thoirt do dh’oileanaich ciùil, ealain is saidheans riochdachaidh ciùil a sgrùdadh tro oideachadh no ùine san stiuidio le taic bho riochdaire ainmeil den roghainn fhèin.

Ann an stèidheachadh na duaise thuirt athair, Brian:

“Bha teaghlach Liam agus a dhlùth chàirdean sgriosta mar thoradh air a bhàs cho òg. Bha mi airson dòigh a lorg air dèanamh cinnteach gun tigeadh rudeigin deimhinneach a-mach às an dòrainn seo. Mhìnich mi na planaichean agam don oilthigh agus cha b’ urrainn dhaibh a bhith na bu chuideachail. Bha frèam-obrach aca stèidhichte mar-thà a bha a’ coileanadh nan amasan agam – gu oileanaich a chuideachadh a bha a’ leantainn na slighe cheudna ri Liam; agus feuchainn ri ceòl Liam a bhith ri fhaotainn le luchd-èisteachd cho fada is farsaing ’s a ghabhas.”

Thuirt Peadar Honeyman, Stiùiriche Lìonra Cuspair nan Gnìomhachasan Cruthachail is Cultarach:

“B’ e gnìomhaiche is sgrìobhaiche-ciùil brosnachail is àrd-dhealasach a bh’ ann an Liam a thug buaidh oirnn uile ann an Colaiste Pheairt UHI le a dhèidhealachd agus a spionnadh. Bha e dìoghrasach mu sgrìobhadh òrain agus tha sinn air leth toilichte gun ceadaich an duais fhialaidh seo cothrom do chàch an àrd-amasan agus am miannan fhèin a leantainn. Bidh cliù Liam beò san duais seo agus san obair acasan a gheibh buannachd aiste.”