Home LIS MyUHI

MyUHI

MyUHI

Log air MyUHI an seo

Dè th’ ann an MyUHI?

Le bhith a’ cleachdadh a’ cheangail MyUHI, ri fhaotainn bhon menu ath-ghoiridean no bhon duilleig seo, ’s urrainn dhut logadh a-steach don t-seirbheis agus cothrom fhaighinn air na faidhlichean agad bho choimpiutair sam bith a tha ceangailte ris an eadar-lìon. ’S urrainn dhut cothrom fhaighinn air farsaingeachd de phrògraman bathair-buig cuideachd. Bidh agad ri logadh a-steach don t-seirbheis leis an ainm dearbh-aithneachaidh agus facal-faire àbhaisteach agad.

Cò a bhios a’ cleachdadh MyUHI?

Tha cothrom aig luchd-obrach agus oileanaich an oilthigh air MyUHI.

Carson a bu chòir dhomh MyUHI a chleachdadh?

Bidh MyUHI a’ leigeil le daoine cothrom fhaighinn air prògraman agus dàta an dòigh thèarainte. Tha seo a’ ciallachadh gum bi cothrom agad air prìomh sheirbheisean an oilthigh agus an dràibh H agad ma bhios tu ag obair far na làraich.

Le MyUHI, ’s urrainn dhut:

  • Cothrom fhaighinn air an stòr fhaidhlichean iomallach agad (an ‘leabharlann sgrìobhainnean’ agad agus dràibhichean mapaichte eile)
  • Faidhlichean a ghluasad eadar an coimpiutair ionadail agad agus an stòr fhaidhlichean iomallach agad
  • Prògraman leithid Word agus Excel a chleachdadh
  • Cothrom fhaighinn air puist-d
  • Cothrom fhaighinn air irisean na leabharlainn, ma bhios iad rim faotainn
  • Cothrom fhaighinn air goireasan a-staigh, leithid an eadra-lìontan

Bu chòir dhut MyUHI a chleachdadh nuair a bhios tu ag obair bhon taigh agus fiù ’s taobh a-staigh an oilthigh mur a bheil am bathar-bog a tha a dhìth ort air a’ choimpiutair air a bheil thu ag obair.

Cuine bhios MyUHI ri fhaotainn?

Bu chòir don t-seirbheis a bhith ri fhaotainn 24/7, 365 làithean sa bhliadhna. Ach bidh againn ri obair càraidh riatanach a dhèanamh uaireannan, leithid a bhith a’ càradh trioblaid mòr no a’ dèanamh leasachaidhean. Nì sinn ar dìcheall fios a leigeil thugad ro làimh ma bhios seo a’ ciallachadh nach urrainn dhut cothrom fhaighinn air an t-seirbheis, ach faodaidh nach bi seo comasach a h-uile turas.

Ma tha fios againn mu thrioblaid, nì sinn Tweet mu dheidhinn agus ma ’s e obair phlanaichte a th’ ann, cuiridh sinn post-d chun a’ chunntais oilthigh agad.

A bheil rudeigin agad ri innse dhuinn? Cuir na beachdan agad thugainn.

Ceistean cumanta mu MyUHI

C: Dè na h-ainmean air na pàirtean eadar-dhealaichte de Citrix?
F:  Feumaidh Citrix Receiver a bhith agad gus cothrom fhaighinn air http://my.uhi.ac.uk
Bidh cuid de choimpiutairean aig luchd-obrach cuideachd a’ ruith Programme Neighbourhood gus cothrom fhaighinn air siostaman sònraichte.


C: A bheil feum agam air cunntas agus facal-faire gus cothrom fhaighinn air an t-seirbheis seo?
F: Tha, ach ’s iad seo an t-ainm dearbh-aithneachaidh agus facal-faire àbhaisteach agad.


C: Dè a dh’fheumas a bhith agam gus MyUHI a ruith air a’ choimpiutair agam?
F: A dhèanamh cinnteach gun obraich e gu ceart, cuir Citrix Receiver an sàs. Thathas a’ sgrìobhadh stiùireadh ùr mu bhith a’ cur seo an sàs an-dràsta ach ’s urrainn dhut fios a chur gu UHIHelpdesk airson taic san eadar-ama.


C: Dè na trioblaidean a dh’fhaodadh a bhith ann le bhith a’ cleachdadh a’ bhathair-bhuig seo?
F: Uaireannan bidh daoine a’ sàbhaladh sgrìobhainnean air a’ bhàrr-deasga nuair a tha iad ann an Citrix, ach tha seo a’ ciallachadh gum bi iad air an call nuair a logas tu dheth. Bu chòir dhut na sgrìobhainnean agad a shàbhaladh gu dràibh air an lìonra.

Iùil MyUHI

Iùl cur-an-sàs MyUHI

Bhidio cur-an-sàs MyUHI (fosglaidh seo bhidio YouTube)

Iùl Seirbheis MyUHI