Tomas

Seirbheis Cuimhne Eadar-theangachaidh

Is e amas seirbheis cuimhne eadar-theangachaidh UHI eadar-theangairean agus buidhnean a thoirt còmhla, mar chom-pàirtichean seirbheise, a chuideachadh le cruthachadh seirbheis cho-roinnte Gàidhlig nàiseanta.

Le bhith a’ cumail na susbaint eadar-theangaichte taobh a-staigh de UHI, faodaidh an dà chuid eadar-theangairean agus buidhnean cothrom fhaighinn air sa bhad, à àite sam bith agus aig àm sam bith. Le co-obrachadh, tha comas ann a bhith a’ sàbhaladh an dà chuid chosgaisean agus ùine, agus aig an aon àm a’ cur feabhas air cunbhalachd agus pongalachd nan eadar-theangachaidhean a thathas a’ cruthachadh, a ghabhas cur gu feum le sgrìobhainnean eile a-rithist.

Tha UHI dealasach airson a bhith ag obair gu dlùth ris gach eadar-theangaire agus buidheann gus seirbheis a lìbhrigeadh a bhios cho freagarrach ’s a ghabhas do na feumalachdan aca. Tha buannachdan an lùib a bhith a’ luchdachadh suas susbaint a chaidh eadar-theangachadh mar-thà mar thoiseach tòiseachaidh agus e a’ cur eadar-theangachaidhean sàr-mhatha ris na stòran-dàta agus a’ solar susbaint airson liostaichean de theirmichean a chruthachadh.

Buannachdan na seirbheise

Do dh’eadar-theangairean agus Beachdan agus blog.

Airson tuilleadh fiosrachaidh....

Ruairidh MacAoidh
Neach-leasachaidh Sheirbheisean Teicneòlais Gàidhlig
d: 01463 279341
e: ruairidh.mackay@uhi.ac.uk

Bhidio le BBC Alba