Bilingual sign

 

Bilingual signage

Home LIS Seirbheis Cuimhne Eadar-theangachaidh Dè na buannachdan a th’ ann do bhuidhnean?

Dè na buannachdan a th’ ann do bhuidhnean?

  • Bidh cothroman ann a bhith a’ dèanamh cheanglaichean ri buidhnean eile agus a bhith ag obair còmhla air gnothaichean.
  • Nì thu feum de dh’eadar-theangachaidhean a chaidh a dhèanamh mar-thà gus an lùghdaich thu am meud de theacsa a thèid a chur ath-uair a dh’ionnsaigh eadar-theangairean.
  • Bidh cothrom agad airgead a shàbhaladh le bhith a’ lùghdachadh a’ mheud de shusbaint a thèid eadar-theangachadh.
  • Bidh cothroman ann a bhith ag obair nas dlùithe ri eadar-theangairean agus barrachd smachd agad air pròiseas an eadar-theangachaidh – am fios as ùire air adhartas, còmhraidhean agus frèamaichean-ùine/cinn-ama agus mar sin air adhart.
  • Faodaidh tu duilleagan-stoidhle agus liostaichean de theirmichean a chruthachadh a chuidicheas le cunbhalachd, ge be cò a bhios a’ dèanamh an eadar-theangachaidh.
  • Faodaidh tu an t-airgead a shàbhalas tu a chur gu feum gus barrachd stuthan Gàidhlig a dhèanamh taobh a-staigh den bhuidhinn.
  • Thèid obair eadar-theangachaidh a dhèanamh nas luaithe, leis a’ phròiseas obrach ùr.
  • Faodaidh tu liostaichean de theirmichean corporra a chruthachadh gus a bhith cinnteach gun cleachd eadar-theangairean stoidhlichean na buidhne.
  • Faodaidh tu cosgaisean eadar-theangachaidh a lùghdachadh le bhith a’ co-roinn ghoireasan le buidhnean eile.
  • Cothrom air eadar-theangairean sàr-mhatha tro lìonra na seirbheise.
  • Faodaidh barrachd smachd a bhith agad air an obair eadar-theangaichte a thaobh stoidhle na buidhne agus liostaichean de theirmichean corporra.
  • Bidh an trèanadh, an taic theicnigeach, sàbhaladh lethbhreacan agus gleidheil nan goireasean uile air a ghabhail os làimh le UHI.