Translator at work

Home LIS Seirbheis Cuimhne Eadar-theangachaidh Dè na buannachdan a th’ ann do dh’eadar-theangairean?

Dè na buannachdan a th’ ann do dh’eadar-theangairean?

  • Bidh e a’ lùghdachadh na h-ùine a bhios air a cur seachad air obair eadar-theangachaidh, le bhith a’ dèanamh feum de shusbaint a chaidh eadar-theangachadh mar-thà.
  • Faodaidh gun neartaich e na dàimhean a th’ agad ri luchd-dèiligidh mar-thà, leis gun tèid gnothaichean a dhèanamh ann an dòigh chunbhalach agus gu luath.
  • Eadar 30% agus 50% de lùghdachadh san ùine a chosgas tu air eadar-theangachadh, rud a bheir barrachd ùine dhut airson obair eile a lorg.
  • Thèid agad air prìsean nas fharpaisiche a thabhann do bhuidhnean.
  • Bidh cothrom agad air stòran-dàta nàiseanta sa bhad - Ainmean Àite na h-Alba, Faclair Rianachd Phoblach.
  • Bidh cothrom agad barrachd obair fhaighinn agus thu mar phàirt de sheirbheis cho-roinnte, a’ ceangal eadar-theangairean agus buidhnean ri chèile.
  • Nì e cinnteach gum bi na h-eadar-theangachaidhean barraichte gun chaochlaideachd, le cothrom air liostaichean theirmichean bhuidhnean agus stoidhlean bhuidhnean sa bhad.
  • Bidh an trèanadh, an taic theicnigeach, sàbhaladh lethbhreacan agus gleidheil nan goireasean uile air a ghabhail os làimh le UHI.
  • Faodaidh tu eòlas a chur air inneal a chuireas ri d’inbhe phroifeiseanta.