Road sign in Gaelic

 

Gaelic poetry

 

Bilingual road sign

Home LIS Seirbheis Cuimhne Eadar-theangachaidh Dè th’ ann an TMS?

Dè th’ ann an TMS?

Bidh stòran-dàta air-loidhne a’ cumail phaidhrichean de sheantansan, abairtean agus teirmichean Beurla agus Gàidhlig. Nuair a thèid faidhle teacsa ùr a chur ri pròiseact, thèid na stòran-dàta a rannsachadh, gus teacsa a tha coltach ris an teacsa ùr a lorg. Tha dà sheòrsa de stòr-dàta ann; Cuimhne Eadar-theangachaidh anns a bheil seantansan agus abairtean fada, agus Stòras Theirmichean anns a bheil teirmichean agus abairtean goirid.

Faodaidh a’ chuimhne eadar-theangachaidh seantansan a thabhann a chaidh eadar-theangachadh mar-thà, a dh’fhaodas eadar-theangaire gabhail ris agus sàbhaladh, no atharrachadh gus eadar-theangachadh ceart a chruthachadh. An uair sin, thèid an seantans ùr seo a shàbhaladh anns a’ chuimhne eadar-theangachaidh, ri a chleachdadh a-rithist. Is urrainn don bhathar-bhog seantans ùr a bhriseadh sìos, a’ cruthachadh seantans freagarrach à measgachadh de dh’abairtean agus seantansan.

Tha an stòras theirmichean a’ tabhann theirmichean sònraichte, rud a tha deatamach airson gnothaichean a chumail cunbhalach taobh a-staigh de bhuidhinn. Tha iad seo air an comharrachadh ann am buidhe. Mar sin, cha bhi aig an eadar-theangaire ri coimhead tro fhaidhlichean pàipeir no einnseanan-lorg air-loidhne.

Airson gach teirm no seantans anns na stòran-dàta, tha fiosrachadh a bharrachd a thèid a thaisbeanadh ann am panail nan toraidhean eadar-theangachaidh. Tha seo a’ toirt fiosrachadh air cò a chruthaich an teirm agus cuine chaidh a chruthachadh no atharrachadh. Le seo, aithnichidh an t-eadar-theangaire an teirm no an seantans as ùire agus as motha air a bheil aontachadh gus an tèid a chleachdadh.

Faodar teirmichean sònraichte a chruthachadh airson buidheann, an co-bhann ri eadar-theangairean, gus liostaichean a chruthachadh ri an cleachdadh le eadar-theangairean. Feumaidh eadar-theangairean cumail ris na teirmichean seo. Mar sin, cha tèid diofar theirmichean Gàidhlig a chleachdadh airson na h-aon teirm sa Bheurla. Tha seo gu sònraichte cudromach nuair a bhios buidheann ag obair le còrr is aon eadar-theangaire.

Le bhith a’ dèanamh feum de dh’eadar-theangachaidhean agus teirmichean a th’ ann mar-thà, faodaidh gach com-pàirtiche san t-seirbheis na h-eadar-theangachaidhean sàr-mhatha seo a shìor-chleachdadh, gus eadar-theangachaidhean ùra a chruthachadh. Ma thèid stòran-dàta on taobh a-muigh, leithid liosta ainmean-àite Ainmean Àite na h-Alba agus Am Faclair Rianachd Phoblach, a chur ris, meudaichidh sin na goireasan a bhios rim faotainn sa bhad. Thèid meata-dàta a chur fa chomhair gach seantans, abairt no teirm a thèid a chur ris na stòran-dàta, a chum ’s gun gabh faicinn cò a chruthaich e, cuine chaidh a chruthachadh agus mar sin air adhart. Tha seo cudromach an àm a bhith a’ taghadh dè an teirm a thèid a chleachdadh - an e neach-dèiligidh no eadar-theangaire eile a chruthaich i, mar eisimpleir.