Gaelic books

Home LIS Seirbheis Cuimhne Eadar-theangachaidh Carson a tha UHI a’ tabhann TMS?

Carson a tha UHI a’ tabhann TMS?

Le planaichean Gàidhlig a bhith gan cur an gnìomh, tha iomadh buidheann a’ gluasad a dh’ionnsaigh a’ Ghàidhlig a bhith nas fhollaisiche ri faicinn aca, a’ gabhail a-steach a bhith a’ dèanamh barrachd fhoillseachaidhean a th’ air an eadar-theangachadh don Ghàidhlig. Leis an leudachadh ris a bheilear an dùil san raon seo, cho math ri miann gun tèid dol an grèim ri obair eadar-theangachaidh taobh a-staigh de bhuidhnean ann an dòigh nas cunbhalaiche, bidh barrachd feuma air eadar-theangachaidhean sàr-mhatha cuideachd. Nì stòran-dàta na seirbheise cinnteach gum bi briathrachas agus stoidhle bhuidhnean air an cumail cunbhalach.

Le bhith a’ cruthachadh lìonra de bhuidhnean agus eadar-theangairean, bidh ionad-tasgaidh meadhanach ann airson dàta, agus cothrom aig com-pàirtiche sam bith san t-seirbheis air, à àite sam bith. Leis gu bheil a h-uile goireas ri fhaotainn air-loidhne, faodaidh buidhnean obair eadar-theangachaidh a chur gu eadar-theangairean sa bhad agus faodaidh eadar-theangairean tòiseachadh oirre gun a bhith a’ lorg faidhlichean luchd-dèiligidh, eadar-theangachaidhean a rinn iad roimhe agus mar sin air adhart.

Le lìbhrigeadh modh-obrach anns am bi seirbheisean air an co-roinn, thèid cosgaisean a lùghdachadh gu mòr, do bhuidhnean fa leth agus eadar-theangairean, gu sònraichte ma chruthaicheas iad bun-structar den t-seòrsa seo taobh a-staigh de na buidhnean aca. Thèid trèanadh iomlan a thoirt seachad air na dòighean a nithear feum den t-seirbheis, cho math ri taic theicnigeach leantainneach agus cruthachadh nan stòran-dàta mar as iomchaidh.

___________________________________________________________

A chum ’s gun toirear an t-seirbheis seo gu buil, thagh UHI Kilgray mar sholaraiche a bhathair-bhuig cuimhne eadar-theangachaidh. Bidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ cleachdadh a’ bhathair-bhuig seo mar phàirt den uallach a ghabh e air fhèin a bhith ag obair gu dà-chànanach. Cha deach seirbheis cuimhne eadar-theangachaidh, a chuideachadh leis a’ phròiseas eadar-theangachaidh, a chruthachadh airson na Gàidhlig roimhe seo. Mar sin, tha UHI air thoiseach leis a’ cheum ùr radaigeach a tha seo.

 

Bòrd na Gàidhlig



memoQ

Kilgray



HIE Logo