Cuir fios thugainn

Cuir fios thugainn air employers@uhi.ac.uk no 01463 279000

Home Luchd-fastaidh

Luchd-fastaidh

 

’S e sinne an aon oilthigh a tha stèidhte ann an Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba. Tha an àrainn againn gu math eadar-dhealaichte bhon chuid as motha de dh’àrainnean; bidh sinn a’ tabhann roghainn ionnsachaidh aig aon de ar 13 colaistean com-pàirteachaidh agus ionadan rannsachaidh agus còrr air 50 ionad ionnsachaidh ionadail, a’ leigeil leinn sgìre a tha nas motha na a’ Bheilg a fhrithealadh. Leis na duilgheadasan a bhith a’ faighinn chun an t-sluaigh sgapte air sgàth adhbharan cruinn-eòlais, tha an t-oilthigh a-nis aig teis-meadhan adhartasan ann an ionnsachadh air-loidhne agus bidh a h-uile cùrsa againn a’ cleachdadh an teicneòlais as ùire gus gach cùrsa a lìbhrigeadh aig astar.

’S e aon bhuannachd leis an teicneòlas sin gum faod oileanaich bho air feadh an t-saoghail ionnsachadh aig an oilthigh. Tha seo a’ leigeil le luchd-fastaidh aig a bheil luchd-obrach ann an iomadh àite, na h-aon chùrsaichean a thoirt dhan luchd-obrach aca ge brith càite a bheil iad air feadh an t-saoghail.

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean cuideachd air leth anns an Roinn Eòrpa bhon as e sinne an aon oilthigh a leigeas le luchd-fastaidh inntrigeadh fhaighinn air làn raon foghlaim an dèidh ìre sgoile. Bidh a’ chuid as motha de dh’oilthighean a’ cur cuideam air foghlam àrd-ìre, rud a tha a’ ciallachadh gum feumadh luchd-fastaidh a tha ag iarraidh luchd-obrach le measgachadh de dh’oideachadh, àrd ìre do luchd-stiùiridh ach trèanadh sgilean dhaibhsan a tha a’ tòiseachadh nan dreuchdan, a bhith a’ dol an sàs le iomadh ionad foghlaim. Tha an lìonra againn de 13 chom-pàirtichean acadaimigeach, a’ gabhail a-steach an làn fharsaingeachd foghlaim anns an Rìoghachd Aonaichte san latha an-diugh bho ìre ‘colaiste teicnigeach’ gu rannsachadh for-ollamhach aig a bheil aithne aig ìre eadar-nàiseanta.

Tro bhith a’ dèiligeadh ris an aon duine, ’s urrainn dhuinn inntrigeadh a thabhann aig gach ìre trèanaidh agus foghlaim agus ’s urrainn dhuinn sin a stiùireadh às ur leth.

A’ faighinn creideas airson an trèanaidh agaibh fhèin

Ma tha thu a’ ruith chùrsaichean an-dràsta taobh a-staigh a’ bhuidhinn agad fhèin agus gu bheil thu ag iarraidh gum faigh iad creideas gu ìrean nàiseanta aithnichte, mu dh’fhaodte gum b’ urrainn dhuinn do chuideachahdh tron phròiseas. Bheir sin an cothrom dhan luchd-obrach agad teisteanas fhaighinn aig am bi aithne nas fharsainge na gheibhear bho mhòran chùrsaichean a tha air an tabhann taobh a-staigh bhuidhnean.

Lìonraidhean

Bidh an t-oilthigh agus a chom-pàirtichean acadaimigeach tric a’ ruith seamanaran, coinneamhan agus òraidean lìonraidhean. ’S e deagh dhòigh a tha sin coinneachadh ri luchd-obrach an oilthigh ann an suidheachadh neo-fhoirmeil agus gus bruidhinn ri eòlaichean eile air mar as urrainn dhuinn obrachadh nas fheàrr còmhla.