Home Luchd-fastaidh Fastadh luchd-ceumnachaidh agus com-pàirteachadh oileanaich

Fastadh luchd-ceumnachaidh agus com-pàirteachadh oileanaich

Fastadh luchd-ceumnachaidh

Tha seirbheis dhreuchdan sònraichte againn – Dreuchdan UHI. Tha luchd-obrach èasgaidh aig an oilthigh a bhios a’ cuideachadh oileanaich agus luchd-ceumnachaidh gus a bhith soirbheachail ann a bhith a’ faighinn dhreuchdan iomchaidh an dèidh dhaibh ceumnachadh. Bidh an t-seirbheis a’ stiùireadh stòr-data dhreuchdan far an urrainn dha do chuid fheumalachdan a bhith air an cur air an asgaidh agus ’s urrainn dhan oileanach iomchaidh a bhith air a chur ris an obair iomchaidh.

Com-pàirteachadh oileanaich

Faodaidh tu a dhol an sàs le oileanaich bho Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean ann an iomadach dòigh gus do sgilean agus d’ fheumalachdan mar fhastaiche a choileanadh. Nam measg sin tha:

  • Greis-obrach nan oileanach
    Ùine a bhios oileanach a’ cosg anns an àite-obrach le earrann measaidh ann. Mar as trice, bidh seo ann an raon a tha a’ dol a rèir na tha iad ag ionnsachadh anns na clasaichean acadaimigeach. Faodaidh greisean-obrach maireachdainn bho 2 sheachdain air a’ char as lugha gu bliadhna agus faodar an dèanamh mar ghreis phàirt-ùine neo làn-ùine.  Tha iad a rèir laghan ìrean tuarastail nàiseanta mura bheil am buidheann a tha a’ toirt a’ ghreis-obrach na bhuidheann carthannais, na bhuidheann saor-thoileach, na bhuidheann a bhios a’ tional maoineachaidh no na bhuidheann reachdail.
    Tha greisean-obrach oileanach a’ faighinn taic bho cho-òrdanaiche greis-obrach a dh’obraicheas leis a’ bhuidheann-fastaidh gus an greis-obrach a chur air dòigh agus gus cuideachadh a thaobh fastachd.  Bidh an co-òrdanaiche an urra ris a’ ghreis-obrach, agus tadhlaidh e/i air an oileanach agus air a’ bhuidheann-fastaidh gus measadh a dhèanamh air an adhartas.
  • Eòlas-obrach oileanach
    Ùine gun taic a bhios oileanach a’ cosg ann an dreuchd ach chan eil seo ceangailte dìreach ris na tha iad ag ionnsachadh no ri modail no prògram le creideas.
  • A’ sealltainn air dreuchd
    Far am bi oileanach a’  sealltainn air luchd-obrach ann am buidheann, gus barrachd eòlais fhaighinn air an seòrsa obrach a bhithear a’ dèanamh anns an dreuchd. Mar as trice, bidh an obair seo gun phàigheadh agus cha mhair i fada m.e. 3 – 5 latha air a’ char as lugha
  • Pròiseact Oileanach air a cruthachadh le Luchd-fastaidh
    Far a bheil buidheann-fastaidh a’ toirt fios do dh’oileanach air pròiseact aithnichte, gu tric far a bheil feum air sgilean no eòlas sònraichte.  Faodaidh pròiseactan oileanach a bhith air an dèanamh le aon neach no ann am buidheann agus cha bhi an t-oileanach no na h-oileanaich air làrach an luchd-fastaidh.  Bidh taic air a chur ris na pròiseactan le òraidichean agus dh’fhaodadh iad a bhith le pàigheadh no gun phàigheadh.
  • Obair Saor-thoileach
    Obair gun taic a bhios an t-oileanach a’ dèanamh gu maith na coimhearsnachd no na h-àrainneachd.  Bidh oileanaich a’ dèanamh obair saor-thoileach len deòin agus gun phàigheadh na chois
  • Greis-obrach do luchd-ceumnachaidh
    Ùine eòlas-obrach a bhios oileanach a’ dèanamh an dèidh dha/dhi ceumnachadh, mar as trice gu làn-ùine agus a’ maireachdainn airson co-dhiù 6 mìosan gu bliadhna. Bidh greisean-obrach do luchd-ceumnachaidh air an tabhann airson ùine stèidhte agus bidh iad a’ dol a rèir laghan ìrean tuarastail nàiseanta.