Home Luchd-fastaidh Leasachadh Proifeiseanta Leantainneach (CPD)

Leasachadh Proifeiseanta Leantainneach (CPD)

Bidh mòran roinnean anns an oilthigh a’ tabhann foghlam leantainneach ann an cuspairean sònraichte dhaibhsan a tha anns an àite-obrach. Mura bheil cùrsa againn a tha freagarrach airson nam feumalachdan agadsa, ’s urrainn dhuinn deasbad a chumail air mar a leasaicheas sinn cùrsaichean sònraichte dhutsa no dhan ghnìomhachas agad. Tha Sgoil Stiùiridh againn a’ tabhann foghlam ceannasachd agus stiùiridh a tha air a dhealbh a dh’aona-ghnothaich dhaibhsan a tha ag obair bho latha gu latha. Cuide ri teicneòlas air-loidhne an oilthigh, bidh e a’ tàladh oileanaich bho air feadh an t-saoghail gus coinneachadh ann an seòmar-teagaisg air-loidhne gus an urrainn dhaibh iad fhèin fhoghlamachadh fhad ’s a tha iad a’ cumail orra le an dreuchdan fhèin