Cuir fios thugainn employers@uhi.ac.uk  01463 279000

Home Luchd-fastaidh Rannsachadh agus Co-chomhairleachadh

Rannsachadh agus Co-chomhairleachadh

Rannsachadh

Cho math ri teagasg, ’s e rannsachadh fear dhe na prìomh raointean obrach ann an oilthigh. Faodaidh tu obrachadh còmhla ris na h-eòlaichean againn gus stuthan no pròiseasan ùra a chruthachadh dhan bhuidheann agad, sealbh inntleachdail a leasachadh agus na raointean teicnigeach aig a’ ghnothachas agad a thoirt air adhart. Le bhith ag obair leis na sgiobaidhean rannsachaidh againn faodaidh tu feum a dhèanamh dhan ghnothachas agad ach faodaidh tu cothrom a thoirt do dh’oileanaich agus do dh’ollamhan faicinn mar as urrainn dhan obair aca a bhith gu feum na coimhearsnachd san fharsaingeachd.

Co-chomhairleachadh

Tha seo eadar-dhealaichte bho rannsachadh bho nach eil uiread de dh’obair thar-raointean ann ach faodar na h-eòlaichean againn fhastadh airson co-chomhairleachadh. Le bhith a’ dèanamh seo, faodaidh tu eòlas a tha aithnichte aig ìre na cruinne gus na freagairtean a tha  a dhìth ort fhaighinn, uile taobh a-staigh daimheachd choimeirsealta. ’S e a’ bhuannachd a th’ ann dhuinne gu bheil seo a’ toirt teachd-a-steach a leigeis le obair an oilthigh a bhith air a leudachadh.