Home luchd-obrach Cothroman obrach

Ag obair air ar son

Dreuchdan Bàna

Am Pròiseas Iarrtais

  • Bidh gach dreuchd bhàn a’ ceangal ri iarrtas air-loidhne a bu chòir dhut coilionadh gu h-iomlan. Ma bhios tu ag iarraidh taic le bhith a’ coilionadh foirm iarrtais no nam bu toigh leat cruth eile, cuir post-d gu Personnel no cuir fòn gu 01463 279214.
  • Bidh am pròiseas iarrtais air-loidhne gad thoirt tro àireamh de sgrionaichean; bidh seo a’ leigeil leat am fiosrachadh a thoirt dhuinn air am bi feum againn gus an t-iarrtas agad a làimhseachadh agus gus cumail ri ullachaidhean aithris reachdail.
  • Feumaidh tu am pròiseas iomlan a choilionadh mus tèid an t-iarrtas agad a chur a-steach.
  • Bidh a h-uile dreuchd bhàn ri fhaotainn air an làraich-lìn gu 23:59 uairean (GMT) air an làtha a dhùnas an dreuchd bhàn.
  • Tha ceangal aig gach dreuchd bhàn ri duilleag le fiosrachadh a bharrachd. Tha tuairisgeul obrach agus sònrachadh pearsa mionaideach cuideachd ri fhaotainn airson gach dreuchd bhàn.
  • Nuair a bhios tu a’ lìonadh an fhuirm iarrtais, dèan cinnteach gum mìnich thu gu soilleir mar a choinnicheas tu ris na slatan-tomhais a tha riatanach is miannaichte, agus a tha comharraichte air an t-sònrachadh pearsa.

Nam bu toigh leat sùil a thoirt air adhartas an iarrtais agad, log a-steach don ionad iarrtais.

Chan urrainn dhuinn gabhail ri CBan beachdachail. Nam bu toigh leat fios fhaighinn nuair bhios obraichean ùra rim faotainn, clàraich airson na seirbheise againn obraichean le post-d.

RSS

Faigh na dreuchdan bàna as ùire anns a’ bhogsa a-steach agad - cuir an seoladh puist-d agad gu h-ìosal:

RSS-Feed-icon.jpg

Dreuchdan Bàna Eile


Cothroman do dh’Oileanaich

Airson dreuchdan bàna aig na h-àrainnean againn, faic làraichean-lìn nan colaistean ionadail:

Colaiste Earra-Ghàidheil UHI

Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath UHI

Colaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI

Colaiste Arcaibh UHI

Colaiste Inbhir Nis UHI

Colaiste Pheairt UHI

Colaisde a' Chaisteil UHI

Sabhal Mòr Ostaig UHI

Colaiste Mhoireibh UHI

SAMS UHI

Ionad Mara NAFC UHI

Colaiste na Gàidhealtachd an Iar UHI

A’ fuireach is ag obair air a’ Ghàidhealtachd


Faigh tuilleadh fiosrachaidh mun Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan