Frèam Luachan Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Ro-ràdh susbaint

Ro-ràdh

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean dealasach a thaobh gnìomhachd eiticeil, sheasmhach agus chunntachail gu sòisealta a leantainn agus còir a ghleidheadh gun tabhartasan/maoineachadh a ghabhail bho bhuidhnean a tha gu gnìomhach an sàs ann an cleachdaidhean a tha a’ còmhstri ri ar prìomh luachan fhìn.

Tha am frèam-obrach seo a’ stèidheachadh seat de phrionnsapalan àrd-ìreil a bu chòir a chleachdadh gus dearbhadh:

  • Am bu chòir maoinean a ghabhail airson pròiseact rannsachaidh no pròiseact iomlaid fiosrachaidh a tha molta;
  • Am bu chòir don oilthigh sireadh air maoineachadh a leantainn gu ro-ghnìomhach tro phròiseas fharpaiseach airson pròiseact rannsachaidh no iomlaid fiosrachaidh a tha molta;  
  • Am bu chòir maoinean a ghabhail bho stòr daonnachdail no bho thabhartaiche don oilthigh;
  • Am bu chòir don oilthigh conaltradh le stòr daonnachdail no tabhartaiche a leantainn gu ro-ghnìomhach;
  • Am bu chòir don oilthigh conaltradh le com-pàirtiche gnothachais ùr, a’ gabhail a-steach ann an co-cheangal ri gnìomhachd conaltraidh neach-fastaidh;
  • Am bu chòir don oilthigh conaltradh le com-pàirtiche ùr acadaimigeach no gnothachais ann an co-cheangal ri a sholar teagaisg agus ionnsachaidh;
  • Am bu chòir don oilthigh seirbheisean bathair sònraichte fhaotainn.

A thaobh gnìomhachd teagaisg is ionnsachaidh an oilthighe, bu chòir don fhrèam an obair aig comataidh stiùiridh com-pàirteachas a-muigh an oilthighe a stiùireadh cuideachd.

A thaobh phròiseactan rannsachaidh agus iomlaid fiosrachaidh, bu chòir don fhrèam a leughadh ann an co-bhonn le poileasaidh dìcheall iomchaidh an oilthighe, a tha a’ mìneachadh stiùireadh air am bu chòir pròiseact rannsachaidh an lùib dùthaich air liosta Taic Leasachaidh Oifigeil Riaghaltas a RA a bhith air aontachadh.

A thaobh thabhartasan daonnachdail, bu chòir don fhrèam a bhith air a leughadh ann an co-bhonn ri poileasaidh togail-airgid eiticeil an oilthighe a tha a’ dearbhadh an fhrèam-obrach airson gnìomhachdan na h-oifis leasachaidh.

A thaobh solair, bu chòir don fhrèam a bhith air a leughadh ann an co-bhonn ri poileasaidh solair an oilthighe.

Tha am frèam-obrach seo co-cheangailte ris an stèidheachd laghail a tha mar Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus a bhuidhnean co-cheangailte, agus ri com-pàirtichean acadaimigeach an oilthighe uile.

Lèirsinn susbaint

Lèirsinn

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ coimhead ri conaltradh gnothaicheil stiùirichte air luachan le raon farsaing de bhuidhnean agus luchd-maoineachaidh air an taobh a-muigh aig ìrean ionadail, roinneil, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Tha an t-oilthigh a’ gabhail ri suidheachadh ‘na dèan cron’ a thaobh aon sam bith de a chom-pàirteachasan agus de a ghnìomhachdan. Tha conaltradh gnothaicheil a’ gabhail a-steach gnìomhachd co-cheangailte ri rannsachadh agus iomlaid fiosrachaidh, tabhart daonnachdail, teagasg, leasachadh gnothachais agus conaltradh neach-fastaidh a tha na bhuannachd gu bhith a’ coileanadh plana ro-innleachdail an oilthighe, agus a’ toirt aithne do phrionnsapal ‘na dèan cron’. San dòigh seo, mar phrìomh bhuidheann anns a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan, tha an t-oilthigh a’ gabhail ri sealladh ro-ghnìomhach is coimhead a-mach a tha a’ sireadh ri raon farsaing de chom-pàirteachasan air an taobh a-muigh a thogail, mar thaic do liubhairt air a phlana ro-innleachdail.

Ann a bhith ag aimneachadh a’ phrionnsapail de ‘na dèan cron’, tha an t-oilthigh ag aithneachadh gu sònraichte gu bheil suidheachadh eìginneach ann a thaobh gnàth-shìde agus gum bu chòir gnìomhachdan uile taobh a-staigh farsaingeachd an fhrèam luachan seo a bhith co-thaobhaichte le giùlanan a tha ag aithneachadh na h-èiginn gnàth-shìde a tha oirnn.

Slatan-tomhais susbaint

Slatan-tomhais

Tha an t-oilthigh a’ dearbhadh a’ phrionnsapail nach dèan gnìomhachdan sam bith air an gabhail os làimh na ainm, cron sam bith.

Cha ghabh an t-oilthigh gnìomhachd sam bith os làimh ann an com-pàirteachas le buidheann air an taobh a-muigh no maoinean a ghabhail bho stòr air an taobh a-muigh, ma dh’fhaodas an conaltradh sin:

  1. Saorsa acadaimigeach, cliù no neo-eisimeileachd an oilthighe a bhith air a dhèanamh buailteach do mhì-chliù;
  2. A bhith comasach air slatan-tomhais taghaidh an oilthighe a lagachadh (a tha stèidhichte a-mhàin air coileanadh acadaimigeach no a leithid cheudna a thaisbeanadh) airson inntrigeadh oileanaich gu cùrsa ionnsachaidh;
  3. Neodrachd ‘pàrtaidh poilitigeach’ an oilthighe a lagachadh;
  4. A bhith an lùib maoinean fhaotainn bho stòran a tha gu dìreach co-cheangailte ri gnìomhachas an tombac;
  5. Gnìomhachd a ghabhail os làimh gu dìreach no a-mhàin co-cheangailte ris an leasachadh, dèanamh no reic air armachd;
  6. Leantainn no comasach air leantainn gu gnìomhachd oilthighe an lùib cleachdadh air tùs-ghnineanan daonna taobh a-muigh riatanasan laghail is ceadaichte Achd Eòlais Tùs-ghinein is Torrachadh Daonna 2008;
  7. Leantainn no comasach air leantainn gu rannsachadh an lùib atharrachadh ginteil air fàs-bheartan, ga ghabhail os làimh taobh a-muigh nam frèaman-obrach laghail is eiticeil buntainneach nàiseanta agus/no eadar-nàiseanta;
  8. Leantainn no comasach air leantainn gu rannsachadh an lùib deuchainneadh bheathaichean leithid druim-altaich, a’ gabhail a-steach daoine, ga ghabhail os làimh taobh a-muigh nan ceadan buntainneach is rèiteachaidhean dìon ghnèithean;
  9. Rannsachadh a ghabhail os làimh a tha an lùib leasachadh no cleachdadh air teicneòlas ùr no tighinn am bàrr le fios gu bheil e buailteach air prionnsapal ‘na dèan cron’ a lagachadh.
Dreuchdan agus Dleastanasan susbaint

Dreuchdan agus Dleastanasan

Tha na pròiseasan gu h-ìosal co-cheangailte ri dàimhean uile san amharc leis an oilthigh mar a tha mìnichte ann an aon earrann den phoileasaidh seo, a dh’aindeoin luchan airgid nan dàimhean sin.

Bidh luchd-obrach ainmichte san oilthigh no luchd-obrach chom-pàirtichean acadaimigeach le uallach airson gnìomhachd ùr adhartachadh no gabhail ri tiodhlac daonnachdail a tha air a mheas taobh a-staigh farsaingeachd a’ phoileasaidh seo ann an ainm an oilthighe, no com-pàirtichean acadaimigeach, a’ measadh na gnìomhachd mholta no tiodhlac daonnachdail mu choinneamh nam prionnsapalan ann an earrann 3 den phoileasaidh seo. Ma bhios ceist ann an dèidh a’ mheasaidh seo a ghabhail os làimh, a thaobh a bheil a’ ghnìomhachd mholta no an tiodhlac daonnachdail a’ gèilleadh do luachan an oilthighe, feumaidh an luchd-obrach seo a dheasbad gu neo-fhoirmeil leis a’ mhanaidsear aca.

Ma dh’aontaicheas manaidsear an luchd-obrach gur dòcha nach eil am pròiseact molta no an tiodhlac daonnachdail a’ gèilleadh do luachan an oilthighe, ann an cùisean far a bheil a’ ghnìomhachd mholta no an tiodhlac daonnachdail co-cheangailte ri gnìomhachdan no reiteachaidhean cunnraidheil a tha nan uallach sònraichte air aon chom-pàirtiche acadaimigeach a-mhàin, bu chòir seo a dheasbad leis a’ phrionnsapal com-pàirtiche acadaimigeach bhuntainneach, a thig gu co-dhùnadh an dèidh conaltradh le co-obraichean agus luchd-ùidhe buntainneach, mu dheidhinn am bu chòir no nach bu chòir pròiseact sònraichte a dhol air adhart.

Ma dh’aontaicheas manaidsear an luchd-obrach gur dòcha nach eil am pròiseact molta no an tiodhlac daonnachdail a’ gèilleadh do luachan an oilthighe, bu chòir dhaibh an uair sin ann an cùisean far a bheil a’ ghnìomhachd mholta no an tiodhlac daonnachdail co-cheangailte ri gnìomhachdan no reiteachaidhean cunnraidheil a tha nan uallach dìreach don oilthigh:  

  1. Seo a dheasbad leis an iar-phrionnsapal (rannsachadh is buaidh) airson pròiseactan rannsachaidh is iomlaid fiosrachaidh uile. Gabhaidh an t-iar-phrionnsapal (rannsachadh is buaidh) comhairle bho àrd-oifigearan an oilthighe, a’ gabhail a-steach a prionnsapal agus t-iar-sheanasalair mar a bhios iomchaidh, gus co-dhùnadh am bu chòir am pròiseact rannsachaidh no iomlaid fiosrachaidh san amharc a tha fo cheist a dhol air adhart gu tuilleadh beachdachaidh tro bhith a’ cleachdadh nam modhan-obrach àbhaisteach; a’ gabhail a-steach eitic, dìcheall iomchaidh agus brath adhartaichte . A thuilleadh air an sin, faodaidh an t-iar-phrionnsapal (rannsachadh is buaidh), a rèir a’ mholaidh shònraichte, iarraidh air a’ chomataidh rannsachaidh is iomlaid eòlais beachd a thoirt seachad air pròiseact chomasach. Thèid an co-dhùnadh agus am feallsanachd a chonaltradh gu na pàrtaidhean buntainneach air an taobh a-staigh uile;
  2. Seo a dheasbad le ceannard na h-oifis leasachaidh a thaobh tabhartasan no tiodhlacan daonnachdail uile a dh’fhaodadh a bhith san amharc. Adhartaichidh an ceannard leasachaidh beachdachadh air tabhartas san amharc tro chomataidh leasachaidh an oilthighe, a’ cleachdadh poileasaidh togail-airgid eiticeil an oilthighe;
  3. Seo a dheasbad leis a’ phrìomh stiùiriche chunntasan airson iomairtean conaltraidh gnothachais. Cumaidh am prìomh stiùiriche chunntasan ceangal leis an rùnaire agus leis a’ phrìomh oifigear obrachaidh a cho-dhùineas ann an co-chomhairle le bòrd iomairt is obrach an oilthighe mar as iomchaidh, am bu chòir don iomairt chomasach a tha fo cheist a dhol air adhart. Thèid an co-dhùnadh agus am feallsanachd a chonaltradh gu na pàrtaidhean buntainneach air an taobh a-staigh uile;
  4. Seo a dheasbad leis an neach-clàraidh acadaimigeach airson molaidhean uile a tha an lùib gnìomhachd teagaisgte foghlam àrd-ìre. Bheir an neach-clàraidh acadaimigeach moladh gu comataidh stiùiridh com-pàirteachas a-muigh a thaobh am bu chòir don mholadh a dhol air adhart;
  5. Ann an cùisean far a bheil an com-pàirtiche acadaimigeach air gabhail ris a’ phoileasaidh seo airson comas gnìomhachd a bhith air a thoirt air cunnradh a-mhàin eadar an com-pàirtiche acadaimigeach fa leth agus com-pàirtiche air an taobh a-muigh, adhartaichidh beachdachadh air a’ ghnìomhachd san amharc a rèir nan rèiteachaidhean a tha air am mìneachadh leis a’ chom-pàirtiche acadaimigeach sin.