Home Mu UHI Àrd-mhanaidsearan An t-Àrd-Ollamh Crichton Lang

An t-Àrd-Ollamh Crichton Lang

Leas-phrionnsapalAn t-Oll Crichton Lang
MRCVS

Thòisich an t-Àrd-Ollamh Lang aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an 2006. Thrèan an t-Oll Lang agus obraich e an toiseach mar ligiche-sprèidh ann an Taobh Tatha mus do chuir e crìoch air PhD ann an rannsachadh dhrogaichean chuirt nan leithean agus lean e dreuchd oilthigh. Dh’obraich an t-Àrd-Ollamh Lang an toiseach aig Oilthigh Bristol agus an uair sin fad 12 bliadhna aig Oilthigh Chill Rìbhinn far an robh dreuchdan aige mar stiùiriche teagaisg airson sgoil a’ bhith-eòlais agus iar-dheadhan airson facaltaidh an saidheans, cho math ri bhith a’ teagasg agus a’ leasachadh a’ churraicealam anns na cuspairean aige fhèin (beò-eòlas gnìomhaichte, bith-eòlas daonna is coimeasach).

A’ togail air an eòlas fharsaing aige taobh a-staigh na roinn, cho-òrdanaich an t-Àrd-Ollamh Lang mòran de leasachadh ro-innleachdail an oilthigh tron t-slighe aige a dh’ionnsaigh chumhachdan buileachaidh cheuman agus tiotal oilthigh iomlan. Cho math ri prògram farsaing de dhleastanasan taobh a-staigh an oilthigh mar leas-phrionnsapal, tha ceannas sònraichte aig an Àrd-Ollamh Lang air gnìomhachdan cudromach ceangailte ri deimhinneachd inbhe agus neartachadh chùrsaichean acadaimigeach, euchdan agus toileachas nan oileanach agus leasachadh ro-innleachdail dhuaisean an oilthigh. Tha ùidh shònraichte aig an Àrd-Ollamh Lang ann an sgrùdadh ionadan agus sgrùdadh oilthighean agus tha eòlas aige air a bhith na neach-sgrùdaidh ionadan an dà chuid ann an Alba agus thall thairis.

 

Fios conaltraidh:
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Oifis Stiùiridh
Slighe Nis
Inbhir Nis
IV3 5SQ

Fòn: +44 (0)1463 279326
Post-d: crichton.lang@uhi.ac.uk