Home Mu UHI Àrd-mhanaidsearan An t-Oll Gary Caimbeul

An t-Oll Gary Caimbeul

Deadhan Saidheans, Slàinte is Innleadaireachd agus Iar-Phrionnsapal airson Leasachadh a’ Churraicealaim
BSc (Hons), MSc, PhD, FHEA

Is Gary Deadhan Ionnsachaidh agus Teagaisg, le uallach iomlan airson dèanamh cinnteach gu bheil e comasach don oilthigh na prògraman aige a lìbhrigeadh anns an dòigh as fheàrr. Tha seo a’ ciallachadh gum bi e ag obair leis an fhacaltaidh agus co-obraichean teicnigeach gus dèanamh cinnteach gu bheil na modalan teagaisg againn a’ faighinn taic iomlan.

Am measg nan obraichean eile a th’ air a bhith aige tha teagasg aig Colaistean Inbhir Nis agus Mhoireibh, stiùireadh phrògraman fo-cheuma, stiùireadh acadaimigeach agus stiùireadh lìonra chuspairean.  Taobh a-muigh an oilthigh, bha e roimhe na òraidiche agus rannsaiche aig Oilthighean Obar Dheathain agus Sheffield, cho math ri bhith ag obair aig Colaiste Newton Rigg agus a’ teagasg daoine gun chosnadh san fhad-ùine.

Agus e roimhe na neach-saidheans àrainneachd a’ speisealachadh ann an atharrachadh gnàth-shìde, bidh e ag obair le com-pàirtichean, prògraman agus facaltaidhean an oilthigh gus cur ris na dh’fhiosraicheas oileanaich agus iad ag ionnsachadh leinn. Bidh e a’ stiùireadh Aonad Leasachaidh Foghlaim an oilthigh agus Acadamaidh an Ionnsachaidh is an Teagaisg.


Fios conaltraidh:
Colaiste Mhoireibh UHI
Sràid Mhoireibh
Eilginn
IV30 1JJ

Fòn: +44 (0)1343 576000
Post-d: gary.campbell@uhi.ac.uk

Elaine Shutherlanach
Neach-taice Pearsanta Deadhan Ionnsachaidh agus Teagaisg
Fòn: +44 (0)1343 576228
Post-d: elaine.sutherland@uhi.ac.uk