An t-Oll Gary Caimbeul

Iar-Phrionnsapal (leasachaidhean ro-innleachdail)

BSc (Hons), MSc, PhD, FHEA

An t-Oll Gary Caimbeul ag obair ann an co-bhonn le co-obraichean tarsainn com-pàirteachas an oilthighe gus leasachaidhean acadaimigeach ro-innleachdail a stiùireadh às leth an oilthigh fhèin. Tha seo a’ dèanamh cinnteach gum faod an t-oilthigh prìomh àite a ghabhail ann an leasachadh eaconamach na sgìre againn.

Tha e ag obair gu dlùth le luchd-ùìdh air an taobh a-staigh agus an taobh a-muigh gus feumalachdan roinneil a cheangal ri curraicealam an oilthighe, rannsachadh agus obair iomlaid eòlais. Agus ann a bhith a’ dèanamh seo, ni e cinnteach à co-thaobhadh dlùth obrachaidh agus ro-innleachdail le raon farsaing de ghnìomhachd com-pàirteachais eile, a’ gabhail a-steach foghlam adhartach.

Thoisich an Dr Caimbeul a bheatha-obrach mar neach-saidheans àrainneachdail a’ sònrachadh ann am modaladh air atharrachadh gnàth-shìde, agus tha eòlas Gary a ‘toirt a-steach teagasg ann an Colaistean Inbhir Nis agus Moireibh, stiùireadh fo-cheumannan , stiùireadh meadhan acadaimigeach, prìomh lìonra chuspairean agus mus dheireadh, Deadhan Saidheans, Slàinte agus Innleadaireachd agus Leas-phrionnsapal airson Leasachadh Curraicealam.

Tha an eòlas aige air an taobh a-muigh a 'gabhail a-steach òraidean agus rannsachadh aig Oilthighean Obar Dheathain agus Sheffield, a bharrachd air a bhith ag obair aig Colaiste Newton Rigg agus a' teagasg daoine a bha ùine gun obair.

Fios conaltraidh

Colaiste Mhoireibh UHI
Sràid Mhoireibh
Eilginn
IV30 1JJ

Fòn: +44 (0)1343 576000
Post-d: gary.campbell@uhi.ac.uk

Elaine Shutherlanach
Neach-taice Pearsanta Iar-Phrionnsapal (leasachaidhean ro-innleachdail)
Fòn: +44 (0)1343 576228
Post-d: elaine.sutherland@uhi.ac.uk