Home Mu UHI Àrd-mhanaidsearan An t-Oll Jeff Howarth

An t-Oll Jeff Howarth

Dr Jeff HowarthIar-Prionnsapal (Iomairt)

An dèidh dha trèanadh mar cheimigear ùireach aig Oilthighean Newcastle agus Reading, rinn Jeff PhD ann an ceimigeachd aig Oilthigh Birmingham agus dh’obraich e an dèidh sin air rannsachadh iar-ollamhach ann an roinn nam mèinneirean agus roinn na h-innleadaireachd ceimigich. Chuir e seachad 17 bliadhna aig Deuchainn-lann Nàiseanta na h-Innleadaireachd, mu dheireadh mar mhanaidsear ionaid an lùtha agus na h-àrainneachd, a’ stiùireadh sgiobaidhean a’ lìbhrigeadh rannsachadh agus seirbheisean teicneòlais fo chumnant ann an innleadaireachd shruthaich, thearmaich, fhuaimean, na h-àrainneachd is chunnartan. Thòisich e aig Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an 2003 far an do dh’obraich e ann an leasachadh ghnìomhachdan malairteach is rannsachaidh anns an sgìre.

Thòisich Jeff aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an 2007 mar Iar-Phrionnsapal airson Rannsachadh agus Iomairt, a’ stiùireadh leasachadh ro-innleachdail rannsachaidh, cuartachadh eòlais, an sgoil cheumnaichean, an oifis Eòrpach agus an oifis rannsachaidh. Chaidh e na Iar-Phrionnsapal airson Iomairt anns an Dàmhair 2013, agus e os cionn oifis nan cùmhnantan, oifis leasachadh Eòrpach is Eadar-nàiseanta, gnìomhachdan rannsachaidh slàinte, cuartachadh eòlais, planadh agus leasachadh gnothachais, agus gnìomhachdan leasachaidh acadaimigeach aig Làrach Inbhir Nis.


Fios conaltraidh:

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Oifis Stiùiridh
Slighe Nis
Inbhir Nis
IV3 5SQ

Fòn: 01463 279343
Post-d: Jeff Howarth


Jacqueline Barclay
Neach-taic Pearsanta don Iar-Phrionnsapal (Iomairt)
Fòn: +44 (0)1463 279376
Post-d: