Home Mu UHI Àrd-mhanaidsearan An t-Àrd-Ollamh Neil Simco

An t-Àrd-Ollamh Neil Simco

Deadhan nan Ealain, nan Daonnachdan is Gnothachais agus Iar-Phrionnsapal airson Fàs a' Churraicealaim
BEd (le Urram), PhDAn t-Oll Neil Simco

Tha uallach corporra aig an Àrd-Ollamh Neil Simco airson Dàmh nan Ealain, nan Daonnachdan agus Gnothachais agus airson farsaingeachd mhòr de chuspairean a leasachadh air feadh com-pàirteachas an oilthigh. Tha seo a’ gabhail a-steach ro-innleachd curraicealaim, deimhinneachd agus leasachadh inbhe agus leasachadh cheanglaichean eadar rannsachadh agus teagasg.

Mus do thòisich e aig an oilthigh, bha an t-Àrd-Ollamh Simco na dheadhan foghlaim agus deadhan rannsachaidh aig Oilthigh Cumbria, far an do stiùir e an t-solaraiche foghlam thidsearan as motha ann an Sasainn. Bha an t-Àrd-Ollamh Simco air fho-fhastadh bhon obair dàmh aige a bhith na iar-phrionnsapal aig Colaiste Naoimh Mhàrtainn agus an uairsin na leas-iar-sheansalair aig Oilthigh Cumbria agus feadh an àm seo bha e an sàs gu mòr ann an cruthachadh an oilthigh ùir, mar a bha e aig an àm. Bhon a thòisich e aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, tha e air leantainn air a bhith an sàs ann am foghlam thidsearan le bhith a’ dol an sàs gu dlùth ri Comhairle Teagaisg Choitcheann na h-Alba. Tha e air leth toilichte gun deach sinn nar n-ionad foghlam thidsearan ann an 2013.

Bha an t-Àrd-Ollamh Simco na thidsear bun-sgoile ann an sgoiltean ann an iar-thuath agus iar-deas na Sasainn an tòiseach. Ghluais e gu foghlam thidsearan tràth sna 1990an, far an robh caochladh obraichean aige mar òraidiche ann am foghlam mus deach e na dheadhan dàmh ann an 2002.

Fios conaltraidh:
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Oifis Stiùiridh
Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath UHI
Àrainn Dhòrnaich
Rathad na Grainnsich
Dòrnach
IV25 3LE

Fòn: +44 (0)1862 889627
Post-d: neil.simco@uhi.ac.uk

Margaret Little
PA Deadhan nan Ealain, nan Daonnachdan agus Gnothachais agus Iar-Phrionnsapal airson Fàs a' Churraicealaim
Fòn: +44 (0)1862 889381
Post-d: margaret.little@uhi.ac.uk