Home Mu UHI Àrd-mhanaidsearan Fiona Larg

Fiona Larg

Prìomh Oifigear Gnìomhachaidh agus Rùnaire
BA (Hons), CA

Fiona Larg

Tha farsaingeachd de dh’obraichean air a bhith aig Fiona le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean bhon Ògmhios 2007. Bha i an toiseach na h-Iar-Rùnaire, mus deach a chur an dreuchd mar Leas-Rùnaire anns an t-Sultain air a’ bhliadhna sin. Chaidh a chur an dreuchd mar Rùnaire san Dàmhair 2009. Anns an Fhaoilleach 2013, dh’atharraich an tiotal aig Fiona ri Prìomh Oifigear Gnìomhachaidh agus Rùnaire, gus farsaingeachd na h-obrach aice a ghabhail a-steach.

Am measg nan dleastanasan aig Fiona tha stiùireadh chùisean corporra, laghail agus bun-reachdail airson an oilthigh, a’ toirt comhairle don chùirt agus àrd-oifigearan agus, còmhla ris a’ phrionnsapal, a’ dèanamh cinnteach gu bheil co-dhùnaidhean agus poileasaidhean na cùirte air an cur an gnìomh. Tha Fiona cuideachd na rùnaire companaidh do Chùirt an Oilthigh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil an t-oilthigh a’ cùmail ri reachdas chompanaidhean agus ri riatanasan OSCR (Oifis Albannach Riaghlaiche a’ Charthannais). Cho math ri seo, tha ceannas aig Fiona air pròiseasan an oilthigh a thaobh dèanamh cho-dhùnaidhean, gnothachas agus riaghladh agus i mar stiùiriche do dh’àrd-oifigearan.

Mus do thòisich i aig an oilthigh, bha i na manaidsear coitcheann le Vertex Data Science Ltd (a bha mar phàirt den United Utilities Group) agus le Cap Gemini. Bha i roimhe na Ceannard air Companaidh Iomairt Ionadail Inbhir Nis agus Inbhir Nàrann, a bha mar phàirt de lìonra Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

Fios conaltraidh:
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Oifis Stiùiridh
Slighe Nis
Inbhir Nis
IV3 5SQ

Fòn: +44 (0)1463 279211
Post-d: fiona.larg@uhi.ac.uk

Emma Simmons
Neach-taic Pearsanta a’ Phrìomh Oifigear Gnìomhachaidh agus Rùnaire
Fòn: +44 (0)1463 279367
Post-d: emma.simmons@uhi.ac.uk