Home Mu UHI Àrd-mhanaidsearan Gavin Dòmhnallach

Gavin Dòmhnallach

Stiùiriche Saoghal UHI


Tha uallach air Gavin Dòmhnallach airson inbhe an oilthigh a leasachadh gu h-eadar-nàiseanta mar ionad sàr-mhathais agus ùr-ghnàthachaidh agus cuideachd airson airgead a thogail gus leantainn air an t-slighe seo. Tha uallach aige cuideachd airson dòigh-smaoineachaidh eadar-nàiseanta fhreumhachadh ann an com-pàirteachas an oilthigh.

Thòisich Gavin Dòmhnallach aig an oilthigh anns an Fhaoilleach 2013. Ron sin bha e na stiùiriche eadar-nàiseanta aig Colaiste Pheairt UHI. Chuir e seachad còrr is fichead bliadhna ann an roinn nan oilthighean mar àrd-òraidiche agus manaidsear. Thàinig seo an dèidh greisean ag obair ann an roinn an ionmhais ann an Lunnainn agus le cunnradairean eadar-nàiseanta.

Bha e roimhe na stiùiriche air Colaistean Alba Eadar-nàiseanta - buidheann tar-roinneil a bhrosnaich gnìomhachdan eadar-nàiseanta airson roinn nan colaistean, agus tha e eòlach air na bhios ag iomain na h-iomairt aig riaghaltais na h-Alba ‘Connected Scotland”.


Fios conaltraidh:
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Oifis Stiùiridh
Slighe Nis
Inbhir Nis
IV3 5SQ

Fòn: +44 (0)1463 279230
Post-d: gavin.macdonald@uhi.ac.uk