Home Mu UHI Àrd-mhanaidsearan Irene Peterson

Irene Peterson

Iar-Phrionnsapal Eadar-amail (Foghlam Adhartach)

Tha Irene Peterson an dèidh bhith air a fo-fhastadh don dreuchd seo gu h-eadar-amail airson 6 mìosan agus bidh uallach oirre a bhith a’ solar taic uile-chudromach do Bhòrd Roinneil Foghlam Adhartach an oilthigh ann a bhith a’ liubhairt foghlam adhartach air feadh roinn na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a rèir poileasaidh Riaghaltas na h-Alba agus mar a rèitichear gach bliadhna ri Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba. San dreuchd seo bidh oirre a bhith a- co-oibreachadh gu sònraichte dlùth le Prionnsapalan nan naoi colaistean a tha nan com-pàirtichean acadaimigeach taobh a-staigh den oilthigh a mhaoinichear air adhbharan foghlam adhartach.

Mun deach a fo-fhastadh san dreuchd seo, bha Irene na Prionnsapal Eadar-amail air Colaiste Shealtainn UHI, dreuchd a bh’ aice fad cha mhòr ceithir bliadhna, a’ leantainn on dreuchd a choilion i an sin mar Iar-phrionnsapal bho 2006.

Bha Irene ag obair air àireamh de chomataidhean is pannalan an oilthigh agus le HMIE agus Foghlam na h-Alba mar Mheasadair Co-cheangailte, le Ùghdarras Theisteanasan na h-Alba mar bhall den Bhuidhinn Chomhairleachaidh aige, le Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba, agus mar Cho-eòlaiche Teagaisg le Oilthigh Shruighlea.

Fios conaltraidh
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Fòn: +44(0)1343 576600
Fòn-làimhe: +44(0)7920823427
Post-d: