Home Mu UHI Àrd-mhanaidsearan Linda Stewart

Linda Stewart

Stiùiriche Leasachadh Eòrpach agus Eadar-nàiseanta
MA (le Urram)Linda Stewart

Tha an obair aig Linda Stiùbhart a’ gabhail a-steach a bhith ag obair le ionadan sgìreil, nàiseanta, Eòrpach agus eadar-nàiseanta gus togail air inbhe an oilthigh. Bidh i cuideachd ag obair le ionadan eile air feadh na Roinn-Eòrpa agus nas fhàide às, agus bidh i a’ faighinn maoineachadh bhon Aonadh Eòrpach agus tobraichean eadar-nàiseanta.

Bha ceanglaichean Eòrpach an oilthigh gu math cudromach ris agus e ga stèidheachadh fhèin, a’ toirt dhuinn cothroman a bhith ag ionnsachadh bho ionadan eile aig an robh na h-aon dùbhlain de choimhearsnachdan mòra, sgapte agus dùthchail - agus a’ toirt a-steach airgead an seilbh de chòrr is £200m ann an bun-structar, comas rannsachaidh agus leasachadh a’ churraicealaim.

Cho math ri Maoinean Structarail an Aonaidh Eòrpaich, tha an obair aig Linda a’ gabhail a-steach phrògraman agus maoineachadh na h-Eòrpa san fharsaing, gu sònraichte INTERREG, Horizon 2020 agus Erasmus+, cho math ri cothroman eadar-nàiseanta nas fharsainge.

Tha Linda air a bhith ag obair aig an oilthigh bho 1998, agus ron seo bha dreuchd coltach aice aig Colaiste Inbhir Nis UHI. Ron sin bha i na h-Òraidiche ann an Nua-chànanan agus Gnothachas aig Colaistean Inbhir Nis agus Dhùn Phrìs. Cheumnaich i bho Oilthigh Dhùn Èideann le ceum ann an Eadailtis, a’ gabhail a-steach bliadhna aig Oilthigh Siena.

Fios conaltraidh:
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Oifis Stiùiridh
Slighe Nis
Inbhir Nis
IV3 5SQ

Fòn: +44 (0)1463 279302
Post-d: linda.stewart@uhi.ac.uk