Home Mu UHI Àrd-mhanaidsearan Mìcheal Rayner

Mìcheal Rayner

Deadhan Rannsachaidh
BD, ThM

Chaidh Mìcheal a chur an dreuchd mar Deadhan Rannsachaidh anns an Lùnastal 2010.  Anns an dreuchd aige bidh e a’ toirt taic agus stiùireadh farsaing airson leasachadh agus leudachadh sàr-mhathais agus cultar rannsachaidh.  Tha e cunntachail airson a h-uile taobh de phlanadh agus lìbhrigeadh com-pàirteachadh an oilthigh ann am Frèama Sàr-mhathas an Rannsachaidh air feadh an RA.  Cho math ri seo, tha Mìcheal cunntachail airson na Sgoil Cheumnachaidh agus am bun-structair co-cheangailte gus taic a thoirt ri oileanaich rannsachaidh an oilthigh agus na sgiobaidhean stiùiridh aca.  Bidh e cuideachd a’ toirt taic do rannsaichean a th’ aig ìre thràth sna dreuchdan aca.

Tha àireamh de dhreuchdan air a bhith aige ann am foghlam àrd-ìre, o chionn ghoirid aig Oilthigh Srath Chluaidh far an robh e na Cheannard air oifis a’ Chomataidh Stiùiridh fad iomadh bliadhna. Bha ceannas aige air com-pairteachadh an oilthigh ann am Eacarsaichean Measaidh an Rannsachaidh (a bh’ ann ron REF) ann an 2001 agus 2008.  Eadar 2008 agus 2009 bha e fo-fhastaichte mar Iar-Stiùiriche Poileasaidh agus Ro-innleachd Rannsachaidh aig Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba, le fòcas shònraichte air ‘rannsachadh co-obrachail’, iomairt shuaicheanta na comhairle.  Dh’obraich e aig Oilthigh Dhùn Èideann cuideachd.  Mus do thòisich e ann am foghlam àrd-ìre, bha Mìcheal na mhanaidsear margaideachd sa ghnìomhachas stàilinn, na sheirbheiseach catharra, agus na mhinistear eaglaise anns na Stàitean Aonaichte.

Tha Mìcheal na Chathraiche air buidheann luchd-stiùiridh an REF, a tha stèidhte an Alba, anns a bheil a h-uile oilthigh agus ionad foghlam àrd-ìre an Alba an sàs, as leth Oilthighean Alba, agus ron seo bha dreuchdan aige ann an leasachadh poileasaidh nàiseanta agus eadar-nàiseanta, a’ gabhail a-steach ùidhean Alba (agus an RA) a riochdachadh mar phàirt den Phròiseas Bologna de dh’ath-leasachadh foghlam àrd-ìre Eòrpach (Proiseact Phrògraman Ollamhach).

Tha ceumannan aige bho Oilthigh Chill Rìbhinn agus Seiminearaidh Dhiadhachd Princeton.


Fios conaltraidh:
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Oifis Stiùiridh
Slighe Nis
Inbhir Nis
IV3 5SQ

Fòn: 01463 279244
Post-d: michael.rayner@uhi.ac.uk