Deich bliadhna a’ frithealadh ar coimhearsnachdan

Tha tùs an oilthigh againn a’ dol air ais mòran bhliadhnaichean, ach fhuair an com-pàirteachas as aithne dhuinn an-diugh làn inbhe oilthigh air 1 Gearran 2011.

Bhon uairsin, thàinig fàs air a’ chom-pàirteachas againn, rinn e adhartas agus bha làmh aige ann an iomadh euchd mòr.

Tha an deicheamh ceann-bliadhna againn na chothrom taing a thoirt do na h-oileanaich, an luchd-obrach, na h-alumni agus an luchd-taice againn agus a bhith ag innse eachdraidh ar com-pàirteachais gun samhail.

susbaint

...Lasaidh uinneagan ann an dorchadas na h-oidhche
le solas aognaidh sgàileanan-coimpiutair,
lìon-sionnachain le smuaintean glacte na mhogall
na shìneadh gu grinn thar nan garbh-chrìochan...

Tha obair inntinneach an Dr Bateman - "Let the Northern Land Shine" - a’ toirt beò rùn an oilthighe, agus an t-àite a th’ aige ann am fear de na ceàrnaidhean as brèagha agus eadar-mheasgte den t-saoghal.