Home Mu UHI Duaisean urramach

Duaisean urramach

awards.jpg

Thathas a’ buileachadh dhuaisean urramach air daoine mar aithneachadh air euchdan air leth san raon aca fhèin; na chuir iad ri beatha na Gàidhealtachd agus nan Eilean no ris a’ chomann-shòisealta; no an t-seirbheis aca don oilthigh.

Tha cumhachdan aig Comataidh nan Duaisean Urramach, air an tiomnadh dhi le Cùirt an Oilthigh, gus molaidhean a shireadh agus na daoine a bhios airigh air Caidreachas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Maighstir an Oilthigh a thaghadh. Bidh iad cuideachd a’ moladh dhaoine airson Bonn an t-Seansalair.