Fiosrachadh agus figearan

Saidheansan talmhainn is mara susbaint Guardian Icon

Saidheansan talmhainn is mara

Tha an t-oilthigh air a rangachadh san dàrna àite ann an Albainn agus san ochdamh àite san RA airson chùrsaichean saidheans talmhainn is mara an clàr-iùil oilthighean a’ Ghuardian

Crìochnachadh soirbheachail susbaint 70.3%

Crìochnachadh soirbheachail

Chuir 70.3% de dh’oileanaich làn-ùine crìoch shoirbheachail air an ionnsachadh aca an colaistean sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan am bliadhna acadaimigeach 2017 gu 2018. Tha seo nas àirde na am figear cuibheasach nàiseanta, a nochdas gun do shoirbhich le 66.1% de dh’oileanaich air cùrsaichean foghlam adhartach ann an colaistean Albannach feadh na h-ùine seo.

Riarachas oileanach iar-cheumnach susbaint 89%

Riarachas oileanach iar-cheumnach

Fhuair an t-oilthigh sgòr de 89% a thaobh riarachadh oileanaich ann an Suirbhidh Fèin-fhiosrachadh Teagaisgte Iar-cheum 2019. Tha seo 9% nas àirde na a’ chuibheasachd do stèidheachdan foghlam àrd-ìre na h-Alba. Tha an toradh seo a’ fàgail an oilthigh san deicheamh àite às na 84 de stèidheachdan foghlam àrd-ìre a ghabh pàirt san t-suirbhidh.

Riarachas oileanach rannsachaidh susbaint 85%

Riarachas oileanach rannsachaidh

Fhuair an t-oilthigh sgòr de 85% a thaobh riarachadh oileanaich ann an Suirbhidh Fèin-fhiosrachadh Rannsachadh Iar-cheum Advance HE, rud a dh’fhàgas e sa cheathramh àite dheug à 103 stèidheachd air feadh na RA. Chaidh a rangachadh sa chiad àite san RA airson riarachadh oileanaich air prògraman saidheans, teicneolais, innleadaireachd is matamataig.

Arcaibh 100% susbaint Tick in a box

Arcaibh 100%

Tha aithisg ùr an dèidh nochdadh gu bheil ìre àrd de riarachadh oileanaich ann aig colaistean sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.  Tha a sè de cholaistean na sgìre againn co-ionann ri, no nas àirde na, ìre riarachaidh chuibheasach na h-Alba, is fhuair Colaiste Arcaibh UHI ìre de 100%.