Cuaille-suaicheantais

susbaint

Tha an cuaille-suaicheantais grinn againn air a chleachdadh air làithean ceumnachaidh air feadh na sgìre, a’ samhlachadh na Gaidhealtachd is nan Eilean.

University of the Highlands and Islands Mace

Agus e na thiodhlac bho oilthighean Dhùn Èideann, Obar Dheathain agus Srath Chluaidh, chaidh cuaille-suaicheantais Oilthigh na Gaidhealtachd agus nan Eilean a dhealbhadh le roinn sheudaireachd is ceàrdachd-airgid Cholaiste Ealain Dhùn Èideann, is a dhèanamh leis na ceàrdan airgid Hamilton and Inches an Dùn Èideann.

Tha an cuaille-suaicheantais air a dhèanamh air airgead is fiodh – le uinnseann soilleir dùthchasach na h-Alba airson na coise – agus beagan òir is mheatailtean co-mheasgaichte sa mhion-sgeadachadh. Tha an t-ornachadh a’ samhlachadh gainmheach no tràighean, uisge agus adhar, agus am bonn sgeadaichte le trì uèirean de dh’òr buidhe 18ct a tha a’ dealbhadh bheanntan. Tha lann chuasach an grèim aig fìor bhonn a’ chuaille, mar shamhla air uisge is tonnan.

Bu mhath leinn taing a thoirt do Loganair airson an taic leantainneach ann a bhith a ’tarraing ar cuaille-suaicheantais gu ceumnachaidh sna h-eileanan.

Lann mhullaich car dronn-chruinn is ar n-ainm air a ghràbhaladh oirreSgiathagan mion-sgeadaichte a’ samhlachadh uisge is gainmheachCas fhiodha bharrchaol air a dèanamh air uinnseann soilleir na h-AlbaOrnaid uèir òir bhuidhe a’ samhlachadh bheanntan`Ainmean nan oilthighean urrasachd againn air an gràbhaladhPleit fho-chearclach, chuasaichte de Mhokume Gane (pròiseas meatailt mheasgaichte Seapanach) suidhichte ann am beiseil is sgeadaichte le pàtran a rinneadh le tolladair a’ riochdachadh thonnan. Smal-stèinnte agus cèirte.Neach-giùlain a’ Chuaille-shuaicheantaisCuaille-suaicheantais