Home Mu UHI Fiosrachadh agus figearan Loidhne-tìm

Loidhne-tìm

Inbhir Nìs 1823

 

Cinn-là cudromach

 

1990

Pròiseact Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air a stèidheachadh

1993

UHI Eta a’ fàs na aonad corporra fa leth

1996

Maoineachadh bho Choimisean nam Mìle Bliadhna air a bhuileachadh

1998

An t-Oilthigh Fosgailte a’ daingneachadh taic a thaobh barantachadh cheumannan

2001

Tha an t-ainm ùr Institiud OGE nam Mìle Bliadhna air a thoirt air an stèidheachd, agus tha e air a comharrachadh na stèidheachd àrd-fhoghlaim

2002

Maoineachadh rannsachaidh air a bhuileachadh



2008

Cumhachdan air an cosnadh a bhith a’ toirt seachad cheumannan teagaisgte



2010

Buidheann Barrantas Càileachd airson Foghlaim Àrd-ìre a’ moladh Institiud OGE nam Mìle Bliadhna airson tiotal oilthigh



2011

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air a stèidheachadh an dèidh buileachadh tiotal oilthigh leis a’ Chomhairle Dhìomhair

 

1991-1994

1991

Comhairle Sgìreil na Gàidhealtachd a’ cur buidheann-stiùiridh air dòigh, leis a’ chomhairliche agus neach-gairm comataidh an fhoghlaim Val NicÌomhair mar chathraiche, a sgrùdadh a’ chùis airson Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Bòrd Leasachaidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ barrantachadh an Ridire Graham Hills (a bha roimhe prionnsapal agus iar-sheansalair Oilthigh Shrath Chluaidh) gus aithisg a chruthachadh air mar as urrainnear dol air adhart.

Buidheann Chomhairleachaidh Oilthigh na Gàidhealtachd a’ coinneachadh airson a’ chiad thuras.

1992

Tha co-labhairt air a chur air dòigh le Barail, an t-Ionad airson Rannsachadh Poileasaidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ sgrùdadh nan cothroman a th’ann airson Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

An Ridire Graham Hills a’ foillseachadh na h-aithisg aige a’ daingneachadh a’ chomais airson oilthigh feadarail colaisteach stèidhte air colaistean foghlam adhartach a tha ann mar-thà.

Pròiseact Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ tighinn am bith.

1993

Tha comataidh comhairleachaidh acadaimigeach na pròiseict a’ foirmeileachadh a structar agus a’ dol na bhòrd acadaimigeach. Tha e a’ cumail a’ chiad choinneimh.

Tha oifis a dh’aona ghnothach airson Pròiseact Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, air a stiùireadh le Robin Lingard, air a chruthachadh le Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

Tha UHI Earranta air a dhèanamh na bhuidheann corporra.

1994

Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean a’ cur sgioba beag de luchd-obrach làn-ùine còmhla a dh’aona ghnothach airson na pròiseict adhartachadh.

 

1995-1999


1995

Tha Patrick Dark a’ tòiseachadh mar mhanaidsear co-òrdanachaidh IT agus e a’ chiad neach-obrach oifigeil.

UHI Earranta a’ buileachadh a chiad 12 phròiseact rannsachaidh, as fhiach £44,000 gu h-iomlan.

Ciad sheiminear rannsachaidh (ann an Inbhir Nis)

1996

Tha Coimisean nam Mìle Bliadhna a’ toirt seachad tabhartas pròiseict as fhiach £33.35 millean

1997

Tha an t-Àrd-Ollamh Brian Duffield air a chur an dreuchd mar cheannard UHI Earranta.

Tha UHI Limited a’ soidhneadh aonta com-pàirteachaidh acadaimigich leis an Oilthigh Fhosgailte.

Tha an oifis stiùiridh air a cruthachadh.

Tha Fraser Moireasdan CBE a’ tighinn an àite Val NicÌomhair mar chathraiche a’ bhùird UHI.  Tha Val NicÌomhair a’ tighinn na ceannard air Stèidheachd UHI.

Tha Oifis na h-Alba a’ cur £3.6 millean ri Pròiseact Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Tha an Aithisg Garrick air Foghlam Albannach a’ toirt iomradh air Pròiseact Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean mar “leasachadh brosnachail agus dùbhlanach”.

1998

Tha barantachadh bho Sheirbheis Bharantachaidh an Oilthigh Fhosgailte air a dhaingneachadh.

Tha a’ chiad cho-labhairt bhliadhnail do luchd-obrach air a chumail ann an Inbhir Nis.

An dèidh sgrùdadh an riaghaltais air càileachd agus fiosrachadh foghlaim, tha UHI air a mholadh le Comataidh Mhòr na h-Alba.

Tha ceithir sgoiltean rannsachaidh air an stèidheachadh.

Tha comhairle nan oileanach air a stèidheachadh.

Thathas a’ foillseachadh cruthachadh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean mar aon de prìomh thargaidean an riaghaltais anns a’ phàipear uaine aca “Opportunity Scotland”. Tha Stèidheachd UHI a’ cur roimhe UHI ath-chumadh le structaran riaghlaidh ùra.

Tha Donaidh Rothach air a thaghadh mar a’ chiad reachdair.

Tha a’ chiad leabhran-iùil air a chur air bhog.

Tha UHI Limited a’ cur iarrtas foirmeil ri rùnaire na stàite airson Alba airson inbhe stèidheachd àrd-fhoghlaim fhaighinn.

 

2000-2005


2000

Tha an t-Àrd-Ollamh Alistair MacPhàrlain a’ tighinn an àite an Àrd-Ollamh Brian Duffield mar stiùiriche agus ceannard air UHI Earranta air stèidh eadar-amail.

Tha UHI Earranta air a dhearbhadh mar stèidheachd àrd-fhoghlaim.

2001

Tha Institiud OGE nam Mìle Bliadhna ainmichte mar stèidheachd àrd-fhoghlaim le inneal reachdail Phàrlamaid na h-Alba.

Tha an t-Àrd-Ollamh Raibeart MacCarmaig a’ tighinn an àite an Àrd-Ollamh Alistair MacPhàrlain.

Tha Cailean MacAoidh CBE air a chur an dreuchd mar cathraiche bòrd nan riaghladairean.

Thathas a’ measadh rannsachadh ann an saidheansan àrainneachd agus mara a bhith “cudromach gu h-eadar-nàiseanta” ann an eacarsaich measaidh an rannsachaidh (RAE), a ghabhas a-steach an RA air fad.

2002

Tha sinn a’ faighinn maoineachadh rannsachaidh an dèidh dhuinn pàirt a ghabhail ann an eacarsaich measaidh an rannsachaidh 2001.

Tha an t-Àrd-Ollamh Raibeart MacCarmaig ainmichte mar phrionnsapal.

2005

Tha iarrtas airson cumhachdan buileachaidh cheumannan agus tiotal oilthigh air a chur chun Chomhairle Dhìomhair.

 

2006 – an-diugh


2006

Thathas a’ foillseachadh nach faighear cumhachdan buileachaidh cheuman agus tiotal oilthigh ann an 2007, mar a bhathas an dùil.

2008

Tha a’ Chomhairle Dhìomhair a’ buileachadh chumhachdan ceumannan teagaisgte air Institiud OGE nam Mìle Bliadhna.

2009

Tha Seumas Friseal, rùnaire agus iar-phrionnsapal, air ainmeachadh mar phrionnsapal às dèidh don Àrd-ollamh MacCarmaig an dreuchd aige a leigeil dheth.

Tha Cailean MacAoidh CBE a’ leigeil dheth a dhreuchd mar chathraiche bòrd nan riaghladairean, agus tha an Àrd-ollamh Mata MacÌomhair CBE a’ tighinn na àite.

2010

Tha an darna iarrtas airson tiotal oilthigh air a chur chun na Comhairle Dhiòmhar.

Tha Buidheann Barrantas Càileachd airson Foghlaim Àrd-ìre a’ moladh Institiud OGE nam Mìle Bliadhna airson tiotal oilthigh

2011

1 Gearran – Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean