Home Mu UHI Riaghladh A’ Chùirt A’ Chùirt

A’ Chùirt

Tha uallach iomlan air a’ chùirt airson stiùireadh ro-innleachdail agus riaghladh an oilthigh. Tha na cumhnachdan agus dleastanasan aice air a chur an cèill ann an artaigilean companaidh an oilthigh. Faodaidh a’ chùirt cuid de na dleastanasan aice a’ tiomnadh do dhaoine fa leth, comataidhean no buidhnean. Thathas cuideachd a’ toirt iomradh air a’ chùirt mar bòrd nan riaghladairean.

Air a’ chùirt tha suas gu 20 buill, a’ gabhail a-steach oileanaich, luchd-obrach acadaimigeach is taice, riochdairean bho na h-oilthighean a tha nan urrasairean dhuinn agus mòr-chuid de bhuill neo-eisimileach. Bidh a’ bhuidheann a’ taghadh a’ chathraiche agus iar-chathraiche aice às na buill neo-eisimeileach.  ’S urrainn dhut geàrr-chunntasan aontaichte na cùirte a luchdachadh a-nuas agus a leughadh.

Neach-conaltraidh: Roger Sendall, Manaidsear Riaghladh Corporra.