Home Mu UHI Riaghladh A’ Chùirt Ballrachd den chùirt An Ceannard Cabhlaich Aonghas Ros

An Ceannard Cabhlaich Aonghas Ros

BA, MSc, FCILT, An Cabhlach Rìoghail

Bha Aonghas anns a’ Chabhlach Rìoghail fad 36 bliadhna agus bha e mu dheireadh na Stiùiriche Obraichean ann am buidheann an luchd-obrach is nan seann mharaichean aig a bheil dleastanas airson ghoireasan daonna, rola-pàighidh agus peinnseanan do luchd-obrach nam Feachdan Armaichte. Ron sin b’ esan Stiùiriche Logastachd a’ Chabhlaich Rìoghail ann am Prìomh-Oifis a’ Chabhlaich, far an robh e an urra ri lìbhrigeadh làitheil logastachd air feadh an t-saoghail, an dà chuid air tìr agus aig muir. Tha mòran eòlas aige air stiùireadh phrògraman, an dà chuid ro-innleachdail ann am Ministreachd an Dìon (prògram comais fad-ùineach a’ Chabhlaich) agus innleachdail (a’ lìbhrigeadh shiostaman fiosrachaidh). Rinn e seirbheis aig muir ann an HMS Illustrious, HMS London agus HMS Galatea, agus cuideachd air HMS Fearless rè Iomairt Eilean nan Caorach.

Bhon a leig e dheth a dhreuchd aig deireadh 2010, tha Aonghas air a bhith na cho-chomhairliche ann an gnìomhachasan dìon agus cuantach agus stèidhich e gnothachas neo-phrothaid gus gnothachasan beaga gu meadhanach a chuideachadh a bhith ag obair leis an Riaghaltas. Ann an 2011 chaidh e air comhairle Chomann Saidheans Mara na h-Alba UHI mar Chathraiche Neo-Riaghaltais na Comataidh Sgrùdaidh, a’ dol na Chathraiche air a’ Bhòrd ann an 2014. Mar thoradh air seo chaidh a chur an dreuchd mar bhall de chùirt an oilthigh san t-Samhain 2014.

Tha Aonghas a’ fuireach air a’ chroit aige ann an Ùige san Eilean Sgitheanach. Tha e na Èildear ann an Eaglais na h-Alba, na bhall de Thaigh nam Marsantach ann an Glaschu agus na sgiobair bhàtaichean. Am measg nan ùidhean aige tha losgadh targaid agus streap nam beann agus tha ùidh mhòr aige ann am bataichean oirthireil. Tha e na urrasair aig an t-seann sgoil aige agus tha e air comataidh Comann Feachdan Glèidhte is Chaideatan na Gàidhealtachd. Tha e pòsta aig Irene agus tha dithis nighean aige aig an oilthigh.