Home Mu UHI Riaghladh A’ Chùirt Ballrachd den chùirt An t-Oll Dàibhidh Worthington

An t-Oll Dàibhidh Worthington

Rianadair luchd-obrach (teagaisg)

Is e an t-Oll Dàibhidh Worthington ceannard Ionad Eachdraidh an oilthigh. An dèidh dha tighinn chun an ionaid anns an Iuchar 2008 mar òraidiche, ghabh e uallach airson cuir air bhog a chiad phrògram co-urram, an cùrsa BA (le Urram) ann an Eachdraidh agus Poilitigs, ann an 2010, agus airson a’ chùrsa MLitt air-loidhne ann an Eachdraidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a’ chiad phrògram maighstir fo-nàiseanta ann an eachdraidh aig oilthigh an Alba, ann an 2011. Is esan stiùiriche prògraim airson a’ chùrsa mu dheireadh.

Bidh an t-Oll Worthington a’ teasasg, a’ foillseachadh agus a’ dèanamh rannsachadh air na cuspairean a leanas:

  • Eachdraidh oirthireil tràth nodha de dh’Alba a Tuath.
  • Spòrs air a’ Ghàidhealtachd (c.1500-c.1750)
  • Eilthireachd is siubhal Breatannach is Èireannach san àm tràth nodha
  • Ceanglaichean eachdraidheil Albannach-Pòlainneach
  • Meadhan na Roinn-Eòrpa ann an eachdraidh tràth nodha

Còmhla ris an Oll Alastair Dòmhnallach aig Oilthigh Obar Dheathain, tha e na cho-dheasaiche den iris thar-chuspaireil, air a sgrùdadh le co-inbhich, Northern Scotland.