Home Mu UHI Riaghladh A’ Chùirt Ballrachd den chùirt Gillian Berkeley

Gillian Berkeley

Rianadair luchd-obrach (taice)

Tha Gillian air a bhith ag obair ann am foghlam fad còrr is deich bliadhna air fhichead. Dh’obraich i ann an àrd-sgoiltean mus do ghluais i gu foghlam adhartach is àrd-ìre. Tha i dìoghrasach mu fhoghlam agus mu fhoghlam fad beatha agus tha i a’ faireachdainn gu bheil i fortanach gu bheil dreuchd aice a tha ‘a’ cur strìochag sa h-uile bogsa aice’. 

Taobh a-muigh den oilthigh, tha Gillian na Cathraiche air Roinn Foghlaim Chomann Rìoghail na Ceimigichd (Sgìre na h-Alba), agus tha i air a bhith mar phàirt de chaochladh bhuidhnean a tha an sàs ann an dealbhachadh agus lìbhrigeadh phrògraman aig caochladh ìrean acadaimigeach bho cheimigeachd gu teicneòlas deudach. 

Bha i am measg luchd-stèidheachaidh Fèis Shaidheans Mhoireibh a bhios a’ tarraing bun-sgoilearan à sgìre mhòr. 

Tha àireamh de dhreuchdan air a bhith aig Gillian ann an com-pàirteachas an oilthigh, a’ gabhail a-steach stiùiriche modail, stiùiriche prògraim agus stiùiriche lìonra chuspairean agus bha i na stiùiriche-taice aig Colaiste Mhoireibh UHI. Is ise ceannard a’ churraicealaim aig Colaiste Inbhir Nis UHI.